Skip to main content

‹‹‹ prev (467) Page 387Page 387

(469) next ››› Page 389Page 389

(468) Page 388 -
388
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
ii
Gu’r iomad bean nasal
A bha gruag air dhroch caradh,
Ged nach dh-fhuair iad de sgeula
Ach gu’n chreuchdadh ’sa bhlar thu.
Fail il-an^ c^c.
Tha do phairc air a dunadh—
lonad luchairt nan Gael ;
Gur deacair sud innseadh
Aig ro dhillsid do phkirtidh ;
Tha chraobh a b’fhearr ubhlan
Air a rusgadh an drkst din ;
Och ! a Mkuire mo dhiubhail
Chaidh am flur thar a ghhraidh !
Fail il-an, <^c.
Note.—-This beautiful elegy was composed on the death
of Sir Hector Roy Maclean, second baronet of Duart and
Morven, who was killed in the battle of Inverkeithing,
28th July, 1651. The author of the poem is unknown.
ORAN
DO SHIR EACHUNN MAC ’ILLEAN DHUBHAIRT.*
LE IAIN MAC-’ILLEAN.
Dh’ fhalbh air thuras fir Alb’ uile,
’S na dh-fhag Lunnainn dumhail,
’S e fa ar mulaid ceannard Mhuile,
Gu’m b’e a chulaidh ionndrain,
Chunnacas uair thu, linn Raoin-Ruairidh,
Cha tuga luchd-fuatha puic dhiot,
’S bn treun do gheard gu dol do’n bhlar,
Ged dh-fhalbh thu ’n drasd le aon-fhear !
’S an Dredllainn tha air iomadh fa,
Fir a’s mnai fo churam,
Mu’n ti a chaidh do Shasunn bhuain :
Ga’m beil an uaisle ghiulain,
Tha sinn na dheigh mar ian air geig,
Air chridh’am pein ga chiuradh,
Cha’n nochdar leinn aon gair air beul,
Mur faigh sinn sgeul ni’s uire.
’Nuair chaidh thu d’ bhata modi di-mairt,
Gu fhalbh bharr clar do dhuthcha,
Gur truagh a bha gach tonn air traigh,
Le coltas craidh a’s tiirsa,
Chaidh gaoth air ghleus gu grad gu t-fheum,
Gu h-ealamh, gleusda, surdail,
Gun feum air neart nan laoch bu leat,
Ach aon-fhear prop ga stiuireadh.
Bu truagh' nad dheigh bha gruaim nan speur,
Gun an teas'sa ghrein bu du dh'i !
Gun Samhradh fein na chursa beis,
Ach mar aimsir gheur na dillachd !
* This song was composed on Sir Hector M'Lean, fifth
baronet, when he went to France in 1721. He died at
Rome, July, 1750.
Gun mheas air crann, gun fheur ach gann,
Gun chuthag ann, no smudan,
Gun sealg nam beann ri fhaotainn ann,
*S gun damh sa’ ghleann ’ni buireadh !
Bha coille’s machair caomh ri Eachunn,
Thaobh gu’m bu ghasd am flur e.
Mar iimhlachd dhb fo bhonn a bhrog,
Bha feur nam fod a’ lubadh,
Na fhianais fein e grad a’g’ eiridh,
Suas gu h-eutrom, driuichdach,
’S b’e barail gheur gach neach da’m leir,
Gu’r fklbh ’n ad dheigh bu run dk !
Cha du do ’n bhannrinn air aon aobhar,
’Bhi na namhaid dhuinne,
Gun seanachas dhaoine riamh ri fhaotainn,
Gur dream a dh-aom o’n’ chrun sinn,
Gun aon aobhar—dha ri fhaotainn,
Aig luchd-gaoil no diumba—
Air falbh le aigheardo’n Fhraing air bhaideal,
B’e sud an aithis shul-ghorm.
’S mor an luidheachd thug thu bhuat,
Air son na fhuair thu chuirt air,
Cinneadh greadhnacb, feachdail, meadhrach,
Fearann saor, a’s duthaich,
An t-anam fein bha staigh a’d chre,
Chaidh sin na cheudan cuntart,
Do shliochd fo fhuath’s am leat bu chruaidh,
’S nach robh e’n dual no ’n du dhut.
An talla chomhnuidh ’n robh a shebrsa,
Riamh gu ceblmhor, muirneach,
An earradh broin cha’n aoibhneas do,
Fo fhuaim nan stop aig dii-Ghaill ;
’Nuair fhuair e steach e leum e’n aiteas ;
Air leis gu m’ chaisteal ur e,
Bha clach chinn-snait’ air caochladh dreach,
Cho geal ri sneachd ri aon-uair.’*
Tha ’n ti rinn ceann dibh air an ranns’,
Gu trie fo ainneart spuilidh :—
’Nuair chi e’n t-am ga’r cuir a nail,
Gun bheud, gun chall, gun chunnard,
Bi’dh sibh air sbgh, air cuirm, ’s air cebl;
Air blaths gu leoir, ’s air sugradh,
’S gheibh sibh gu ceart bhur coir air ais,
’S dion a dh’ aindeoin cuise.
’Na’n abradh neach nach eil so ceart,
Cha’n iarrain dad bu mho dha,
No teachd fo chall mar tha sinn ann,
Gun righ, gun cheann, gun duthaich,
Ach chi mi ’ghna gur fior an rail,
’S gur bristeadh aithn’ bho thus e :—
“ Gu’r beag mar chradh le fear tha slan,
A chnead tha nabaidh buirich.”
* This stanza has reference to some wild superstitious
story, of which we freely confess our ignorance.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence