Skip to main content

‹‹‹ prev (318) Page 238Page 238

(320) next ››› Page 240Page 240

(319) Page 239 -
DONNACHADH BAN.
239
Ged* is cliuteach a Mhachair,
Le cunnradh *s le fasan,
Be air durachd dol dachaigh,
’S bhi ’n taice r’ar cairdeau :
Hoirionn o ho, <£c.
Bhi ’n Clachan-an-Diseirt,
A faicinn air dillsean.
Gum b’ait leinn an tir sin,
O’n a’s i rinn air ’n arach.
Hoirionn o ho, fyc.
Cha be fasan nan daoin’ ud,
Bhi ’n conas na ’n caonnaig,
Aeh sonas an t-saoghail,
’S bhi gaolach mar bhraithrean.
Hoirionn o ho, fyc.
N am suidhe’s taigh-dsda,
Gu luinneagach, ceolmhor
Bu bhinn ar cuid dran,
’S bhi ’g-dl nan deoch-slainnte.
Hoirionn o ho, fyc.
Luchd dhireadh nan stuicean,
Le’n gunnachan du-ghorm,
A loisgeadh am fudar,
Hi udlaiche lan-daimh.
Hoirionn o ho,
S e bu mhiann leis na macaibh,
Bhi triall leis na slatan,
A chuir srian ris a bhradan,
Cha be fhasan am fagail.
Hoirionn o ho, fyc.
Gu fiadhach a mhunaidh,
No dh’ lasgach air buinne,
Anns gach gniomh a ni duin
’S mor urram nan Gael.
Hoirionn o ho, fyc.
ORAN
DO DH’-IARLA BHR AID-ALB ANN.
Air fonn.—ilAn Tailear Aeuinneach''
DEocH-slainnt’ an larla
Cuir dian na’r caramh i,
’S mo gleibh sinn lan i,
Gu’m fag sinn falamh i ;
’Nuair thig i oirnne
Gu’m bi sinn ceblmhor,
*S gu'n gabh sinn brain
Ga h-61 gu farumach.
’S e’n t-armunn suairce
A ghluais a Bealach leinn,
’S na skr dhaoin-uaisle
R’a ghualainn mar ris ann ;
O’n dh’eirich sluagh le
Gu feum ’sa ehruadal,
A reir do dhualchais
Bi’dh buaidh a dh’ain-deoin leat.
Gur deas am fiuran
Air thus nan gallan thu,
’S cha ghabh thu curam
Ro ghnuis nan aineolach ;
Led’ chdmhlain urar
’S thu fein ga’n stiuireadh,
A’s fir do dhuthcha
Ri d’ chul mar bharantas.
’S tu ceann na riaghailt
Tha ciallach, carthanach,
Na daoin’ a thriall leat
Gu’r briagh am pannal iad ;
’S tu thog na ciadan
A shliochd nam Fianntan,
’S an am a ghniomha,
Bu dian ’sa charraid iad.
Ma thig na Frangaich
A nail do’n fhearann so,
Bheir sinn trkth dhaibh
Cion-fath an aithreachais
Theid cuid gu bhs dhiubh,
’S cuid eile bhathadh,
Mu’m faigh iad bi'ita,
’S mu’m fag iad tharais sinn.
O’n fhuair sinn gunnachan
Gu’r ullamh, ealamh iad,
’S cha ’n’eil gin uile dhiubh
Nach freagair aingeal dhuinn,
Cha’n fhaic na curraidhean
Dol sios na chunnart dhaibh
’S gur rloghail urramach
A dhioladh falachd iad.
’Nuair theid gach treun-fhear
Na ^ididh ceannardach,
Le’n armaibh gleusda
Cho geur’s bu mhath leinn iau
Bithidh iomadh creuchdan
Le’m buillean beumach,
Cha leigheas leigh iad,
’S cha ghleidh e’n t-anam riu.
*S i sin a garbh bhratach,
A dh’ fhalbh o’n bhaile leinn,
’S iad fir Bhraid-Albann
I

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence