Skip to main content

‹‹‹ prev (259) Page 179Page 179

(261) next ››› Page 181Page 181

(260) Page 180 -
180
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
Tha na sruthanan craobhach,
Bha sgaoileadh a’d’ bhallaibh,
Gu mireagach buailteach,
Clis gluasadach tana ;
A nise air traoghadh
O n’ taomacbadh thairis,
O’n a ragaich ’sa dh-fhuaraich
Teas uabhar na fala.
Balg-seididh na beatha,
Tha air caitheamh gun fheum ann,
’S o chrup ann a’d’ chliabh e,
Gur h-e phian bhi ’ga sh^ideadh
Tha ’n corp a chruit chiuil ud,
Air diultadh dhut gleusadh ;
’S comhar cinnt’ air a thasgaidh,
Bhi lasach’ a theudan.
Theich madainn na h-6ige,
’S trebir mheadhon latha
Tha’m feasgar air ciaradh,
’S tha ghrian ort a laidhe ;
’S mu bha thusa diamhain.
Gun gniomh is gun mhaitheas ;
Gu h-ealamh bi d’ dhusgadh,
Mu’n duinear ort flaitheas.
’Reir caithe na beatha,
’S trie leatha gun crioch i ;
Bidh an cleachadh fks laidir,
Do-fhhsach o’n inntinn ;
Na labhair an sean-fhacal,
’S deimhinn leam’s fior e,
“ An car theid san t-seana-mhaid’
Gur h-ainmic leis direadh.”
Ach dgnaich threibhich
Thoir-s’ eisdeachd do m’ bran,
*S leig dhiot bhi mi-cheillidh,
Ann an ceitein na h-bige ;
Tha aois agus ea-slaint,
Air do dheigh ann an toil* ort;
*S mu ni h-aon aea greim ort,
Pillidh t-eibhneas gu bron dut.
An aois a tha ’n toir ort,
Bheir i Icon ort nach saoil thu;
Air do shuilean bheir ceathaeh,
Is treabhaidh si t-aodann ;
Bheir i crith-reodh’ mud’ ghruaig’,
Is neul uaine an aoig leis,
’S cha toig aiteamh na grian ort,
’Bheir an liath-reodh a chaoidh’ dhiot.
Bheir ni’s measa na sud ort,
Failne tuigs’ agus reusain ;
Dith leirsinn a’ t-inntinn ;
Dith cuimhn’ agus geire ;
Dith gliocais chum gnothaich ;
Dith mothaich a’d’ cheudfath
’S gu’m fas thu mar leanabb,
Dhi spionnaidh a’s ceille.
Fasaidh ’n cridhe nco-aithreach,
’S neo-ealamh chum tionndadh,
Aon tagra’ cha druigh air,
’S cha lub e d’a ionnsuidh ;
Ceart mar tha ’n talamh,
’N am gaillionn a’s teanndachd ;
Ged robh milltean ’dol thairis,
Cha dean aile sa’ chausair.
Faic seasain na bliadhna,
’S dean ciall uath a tharruinn ;
’S mas aill leat gu’m buain thu,
Dean ruadhar ’san earrach ;
Dean connadh san t-samhradh,
Ni sa’ gheamhradh do gharadh ;
*S ma dhlbreas tu ’n seasan,
Dhut’s eigin bhi falamh.
’S mar cuir thu siol fallain,
Ann an earrach na h-dige,
Cho chinnteach’s am bas dut,
Cuiridh Satan droch phbr ann ;
A dh-fhasas ’na dhubhaile,
’S ’na luidheannan feblmhor ;
’S bidh do bhuain mar a chuir thu,
Ma’s subhaile no db-bheirt.
Ma bhios t-bige gun riaghladh,
’S t-anamiannan gun taod riu,
Gum fas iad cho tiadhaich,
*S nach srian thu ri t-aois iad ;
Am meangan nach sniomh thu,
Cha spion thu ’na chraoibh e ;
Mar shineas e gheugan,
Bidh fhreumhan a’ sgaoileadh.
Tha do bheatha neo-chinnteach
O ’n teinn a bheir bas ort,
Uime sin bi ri dicheall
Do shith dheanamh trbthail;
’S e milleadh gach cuise
Bhi gun churam cur dail innt’ ;
’S ionann aithreachas criche,
’S bhi cur sil mu Fheill-martuinn.
Tha ghrian ann sna speuraibh
A’ ruith reise gach latha;
’S i ’giorrach’ do shaoghail,
Gach oidhche a laidheas ;
’S dlu ruitheas an spkla,
Troi’ shnathaibh do bheatha ;
Tha’ fighe dhut leine,
Ni beisdean a chaitheamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence