Skip to main content

‹‹‹ prev (169) Page 89Page 89

(171) next ››› Page 91Page 91

(170) Page 90 -
90
SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
CREACH-NA-CIADA1N.*
Thig claidheamh socrach, stailinn dhut,
De ’n t-sedrs as fear sa bhuth,
’S e fulangach bho bharra-dheis,
Gu ’n ruig a cheanna-bheairt duirn;
Faobhar air a gheur chruaidh sin,
Nach gabhadh leum na liib,
Lann air dhreach na daolaig’,
’S i air taobh deas-laimh mo ruin.
Their mi Ao-ro, S{c-
’S e sud an t-airm a thaghainn dut,
’S tu ’n deigh an retreut,
As paidhir dhag nach diultadh,
Agus fudar gorm da reir ;
Do ghunna ’n deigh a falmachadh,
’S tu marbhtach air an trend,
Ann san laimh nach greagara,
’S tu leantainn as an deigh.
Their mi ho-ro, Qc.
'S fhada leam a chomhnaidh so,
Th’ aig Eoin a measg nan Gall,
Cha ghiorra leam an oidhche,
Bhi ga chuimhneachadh’s gach am ;
Dh’ fhaoiltichinn na’m faicinn thu,
Tigh’nn seachad ann sa ghleann,
Cha ghabhinn fein bonn faiteachais,
Ge d’ ghlacadh tu mo gheall.
Their mi ho-ro, <^c.
Corr agus tri raidhean,
Tha thu d’ chadal samhach bh’ uain,
Gu’n t-fhaicinn bho na dh’fhag thu sinn,
’S ar cridhe ghnath fo ghruaim ;
A nis bho ’n chuir thu cul ruinn,
’Sa laidh smurnein air do ghruaidh,
Mar sholas and deigh dorachadais,
Tha Tormod mar bu dual.
Their mi ho-ro, §*c.
’S e Tormod dg mo shubhachas,
Air bhuidheachas shiol-Leoid,
Ma’s mac an ait’ an athar thu,
Thig fathast gu bhi mdr;
Ann san Dun gu flathail,
’N robh do chinneadh roi bed,
Mac-ratha dhuisgeas eibhneas domh,
Le aighear threig mi brdn.
Their mi ho-ro, S[c.
Ma thuirt iad ogha Thdrmoid riut,
B’ i sud an fhoirm fhuil ghlan,
Ma thuirt iad iar-ogha Ruairidh riut,
B’ i ’n ard-fhuil uaibhreach mhear ;
'S ogha ’n Eoin gun truailleadh,
Thug suairceas air gach neach,
Mac an fhir nach b’fhuathach leam,
An nochd thog suas mo ghean.
Their mi ho-ro. S[c.
Tha muld, tha mulad,
Lion mulad ro mhdr mi,
’S ge d’ is eigin domh fhulang,
Tha tuille’s na’s leoir orm ;
Thromaich sac air mo ghiulan,
Le diimhladas ddrainn,
Dh’ amais dosgaich na bliadhn orm,
Creach-na-Ciadain so leon mi!
Creach-na-Ciadain so leon mi,
Dh’ fhag mi bredite gu’n fhiabhras,
A dh’fhdgair mo shlainte,
’S tearc mo bhrathair’s na criochan ;
Agam glaodh an loin bhrdnaich,
’N deigh a h-eoin’s i ’ga iargainn,
Dh’ fhalbh gach solas a b’ abhaist,
’S dh’ fhuirich caillein a m’ fhiacail.
Dh’ fhuirich caillein a m’ fhiacail,
So i bhliadhn’ a thug car dhomh,
Dh’ fhag puthar fo m’ leine,
Nach faothaich leigh tha air thalamh,
Mo leigheas cha’n fheudar,
Cha re domh bhi fallain,
Fhuair mi dinneir la Caisge,
’S cha b’ fheairrde mo ghoin i.
Cha b’ fheairrde mo ghoin i,
Ge do bha mi mu’n chd’roinn,
’N diugh gur buan domh ri aithris,
Gu’n bhuail an t-earrach so brdg orm ;
Mi mu’m maighsteir gle mhath,
’S fad a leus orm nach bed e,
Ge do racha mi seachad,
Cha’n fhaigh mi facal dheth chdmhra.
Cha’n fhaigh mi facal dheth chdmhra,
Chleachd mi mdran deth fhaotainn,
’N diugh dh’ fhaodas mi raite,
Gur uan gu’n mhathair san treud mi,
’S ann is gna dhomh bhi tursach,
Gu’n bhrath furtachd as eugais,
’S o’n a chaochail e abhaist,
’S tearc a chaoidh mo ghair eibhinn.
’S tearc a chaoidh mo ghair eibhinn,
Cha bheus domh bhi subhach,
Ghabh mi tlachd ann bi tursach,
Chuir mi uigh ann bi dubhach,
Mu’n ti tha mi ’g iomradh,
Chuir an cuimhne mo phutar,
Nis o’n fhuair an uaigh e-san,
Chaidh an caisead mo bhruthaich.
* This lamentation was composed on the death of John
Breac Macleod.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence