Skip to main content

‹‹‹ prev (167) Page 87Page 87

(169) next ››› Page 89Page 89

(168) Page 88 -
88 SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
Cha d’ fhuair iad aobhar oilbheum,
Mar falbhadh iad sliabh,
Cha dean iad a bheag ormsa,
’S nach lorgair mi’s fiach,
Mo chreach ma ’n coinnidh’s i fo’n comraic,
’B’e an comunn mo mhiann,
Buachaillean mo threud,
’N uair nach leir dhuibh a ghrian.
Tha sliochd Iain Mhic-Mhartainn,*
Gu tabhachdach treun,
Raghainn air an naimhdeas,
An cairdeas, gu’n bhreug,
Cha bhuin iad ri fal-bheairt,
Mo lamhsa nach speis,
“ Far an isl’ an gar-adh,
Cha ghna leo a leum,”
Na fir ghasda gu’n bhi meata,
’S iad nach seachainn streup,
Le ’n toirear buaidh’s gach spairne,
Ann’s gach aite dha ’n teid.
Clann-a-Phif ri’ n seanachas,
’S neO'leanabaidh na sedid,
Buidhean nan sgiath balla-bhreac
A dhearbhadh an gledis,
’S iad nach seachnadh fuathas,
’N am bhualadh nan sron,
Ge b’ e chuireadh fearg orr’
Cha b’ fharmadach dho,
’N am tarrainn nan lann tana,
Caisgear carraid led,
“ Buille ’n corp cha bhuail” iad,
Tha uaisle nam pdr.
Tha Clann-Tlle-Mhaoil mhuinte,
Bha cliii orra riamh,
Buidhean tha do-cheannsaicht,
Is ceannsgalach triall,
Ri faicinn an naimhdean,
’S neo-sgathach an triath,
B’ annsa leibh ruaig shunndach,
No tionntadh le fiamh,
Laochraidh guineach nan arm fuileach,
’S mairg ri ’n bhuin sibh riamh,
Tha nimh a’s neart ’n-ar naimhdeas,
’S ’ur cairdeas gu’n fhiar.
Tha aig Colla cdmhlainn,
Nach conn-lapach gleus,
Luchd nam feudan diibh-ghorm,
Nach diultadh ri feum,
*N-am na graide dhusgadh,
Gu ’n dub lad h bhur feum,
Bha fios aig Mac-an-Tdisich,
Nach sdradh iad ceum,
* Dochanassie men, a very brave little clan at that time,
f Locharkaig men, followers of Locheil.
Dol na choinnidh sa’n la shoilleir,
’S gu’n iad coimeas cheud,
B’ annsa dol da bhualadh,
No buaile ’n fir thdud.
’S iad sliochd Cholla chis-mhoir,
Da rireadh a th’ ann,
Nach leigeadh le muiseag.
An ciiis thar an ceann,
Misneach cha do threig sibh,
’N streup chlanna Ghall,
Cha bu dual daibh mio-sta’
No mi-thurachd ghann,
Na fir churanta fhuair urram,
Re h-am iomairt lann,
O minig luchd an aobhair,
Gu craobhach a call.
Maille ris gach suairceas.
Bha fuaite ri’r gne,
Tharrainn sibh mar dhualchas,
An uaisle ’n ar cleith,
Gu creachadh cha do ghluais sibh,
Cha chuala mi e,
B’ annsa leibh eun cluaise,
Thoirt uam le m’ thoil fein,
Na mo chreaohadh’s an dol seachad,
’S mi na m’ airc mu’m spreidh,
S mi gu’n eagal tuairgnidh,
’S mo bhuaile fo’ r mein.
Tha Gleann-Garadh ceannsgalach,
Connspunnach, cruaidh,
Chumadh ri luchd aimhreit,
A chonnspaid ud suas,
Na’m tharrainn gu sanntach,
An lann as an truaill,
Bu mhath do’r luchd gamhlais,
San am ud bhi bhuaibh,
Biodh ceum cridheil air reang tri-ear,
Cha gleidh bruinne buaidh,
Aig buidheann a mhoir cheann-aird,
Nach teann mo chuid bhuam.
Tha ’n taic na laimhe,
An Ceann-taile so thall,
Fir ghasda neo sgathach,
Ga’m b’abhaisd bhi teann,
Ri faicinn a namhaid,
Nach failinnach greann,
Is trie a fhuair buaidh larach,
Le abhachd an lann,
Neart a chlaidhe be air raghainn,
Nach dh-fhas fathast faun,
Coille’s i gu’n chrionacb.
Gur lionmhor a clann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence