Skip to main content

‹‹‹ prev (152) Page 72Page 72

(154) next ››› Page 74Page 74

(153) Page 73 -
IAIN DUBH MAC IAIN ’IC AILEIN.
lad fein a’s Claim-Pharlain
Dream ardauach, diau,
’S ann a b’ abhaist gau aireamh
Bhi’m fabhar Shiol-Chuinn.
Na Leodaich am por glan
Cha V fholach 'ur siol,
Dream rioghail gun fhotus
Nan gorsaid, ’s nan sgiath,
Gur neartmhor, ro-eolach
’Ur n-oig-fhir, ’s ’ur Hath,
Gur e crudal ’ur dualchas
A dh’ fhuasgail sibh riamh.
Clann lomnhuinn o’n Chreithich
Fir ghle ghlan gu’n smiir,
Luchd nan cuilbheirean gleusda
Nam feuma nach diult:
Thig Niallaich th’ air saile
Air bharcaibh nan sugh,
Le ’n cabhlaeh luath lan-mhor
O Bhaghan nan tur.
Clann-Illean o’n Dreollainn
Theid sunndach san ruaig,
Dream a chlosadh aineart,
Gun taing choisinn buaidh ;
Dream rioghail do-chiosaicht,
Nach striochda do’n t-sluagh,
’S iomadh mile deas, direach,
Bheir iuntinn dhuibh suas.
Gur guineach na Duimhnich
’N am bhriseadh oheann,
Bi’dh cnuachdan gan spuachdadh
Le cruadal ’ur lann,
Dream uasal ro uaimhreach,
Bu dual bhi san Fhraing,
’S ann o Dhiarmad a shiolaich
For lionmhor nach gann.
Tha Stiubhartaich ur ghlan
Nam fiurain gun ghiomh,
Fir shunndach nan lu-chleas
Nach tionndaidh le fiamh,
Nach gabh curam roi mhiiiseag
Cha b’ fhiu leo bhi crion,
Cha bu shugradh do dhu-ghall
Ciiis a bhuin dhibh.
Gur liontnhor lamh theoma
Aig Eoghann Loch-iall,
Fir cholganda, bhorganda,
’S oirdheirce gniomh,
lad mar thuilbheum air chorra-ghleus,
’S air chon-fhadh ro dhian
’S i mo dhuilse nam riisgadh
Nach diult sibh dol sios.
73
Clann-Mhuirich nach soradh
A chonnspairn ud ial.
Dream fhuilteach gun mhor-chuis
Ga’n coir a bhi fial,
Gur gaisgeil fior-sheolta,
Ar mor thionail chiad,
Ni sibh spoltadh air feolach
A stroiceadh fo ’n ian.
Tha Granndaich mar b’ abhaist
Mu bhraidh uisge Spe,
Fir laidir ro-dhaicheil
Theid dan anns an streup,
Nach iarr cairdeas no fabhar
Air namhaid fo’n ghrein ;
*S i n-ur lamhach a dh’ fhagas
Fuil bhlath air an fheur.
Tha Frisealaich ainmeil
Aig seanachaibh nan crioch,
Fir gharbha ro chalma,
’Ur fearg cha bu shi ;
Tha Catanaich foirmeil
Si ’n armachd am miann,
’An cath gairbheach le ’r n-armaibh
A dhearbh sibh ’ur gniomh.
Clann-Choinnich o thuath dhuinn
Luchd bhuannachd gach cis;
Gur fuasgailteach, luath-lamhach
’Ur n-uaislean san str\ ;
Gur lionmhor ’ur tuadh-cheathairn
Le’m buailtibh de ni ;
Thig sluagh dumhail gu’n chunnta
A duthaich JV1 hic-Aoidh.
Nis o chuimhnich mi m’ iomrall,
’S fath iunntraichinn iad,
Fir chunnabhalach chumaite,
Ni cuirnse le ’n laimh,
Nach dean iomluas mu aona-chuis
Chionn iunntais gu brath,
Gur muirneach ri ’n iomradh
Clann- Fhiunnlaidh Bhrai’-bharr.
Thig Gordanaich, ’s Greumaich,
Grad gleusd as gach tir ;
An cogadh righ Tearlach
Gum b’ fheumail dha sibh ;
Griogaraich nan geur-lann
Dream speiseil nam pios,
Air leam gum bi ’n eucoir
’Nuair dh’ eighte sibh sios.
Siosalaich nan geur-lann
Theid treun air chul arm,
An Albainn’s an Eirinn
B’ e ’ur beus a bhi garg,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence