Skip to main content

‹‹‹ prev (9) Page 3Page 3

(11) next ››› Page 5Page 5

(10) Page 4 -
4
Ma thug e cbiv ’n a ghradh dh uit
Air tir na Sabaid mhaireannaich,
Tha fad os ceann gach amhghar
Tha nadurra do’n bheatha so;
5S ann agad tha’n cean-fath air
Bhi togail dha Hosanah,
Sa seinn air cliu a ghrais thug
A leith’d do dh’ait’ a nasgaidh dhuit.
Nach fhiach dhuit feitheamh samhach,
A’cleachduinn gras na faighidinn;
Ged bhiodh do thuras craiteach,
Troimh 'n aite th’ air a mhallachadh ;
Thig beannachadh o’n ard-righ,
A’s comhfhurtachd a shlainte,
Tre mothaich thu a lai’reachd,
7Sa suas a thairneas t’ aigne leis.
Ged tha thu fad od’ chair dean,
’S do bhrathair ge do dhealaich riut,
On’ fhuair thu creideamh Abr’ara
Tha Dia do ghna na charaid duit.
Mar thug e tomhas shunt’ dhuit
A chosnadh t’arain laitheil,
Cha treigear leis gu brath thu
Gus ’n toir e sabhailt dhachaidh thu.
Na meas iri motha’s dana
Ged nochd mi ’chach mo bheachdan ort
Mu dh’f hirinnich saor ghras thu
Cha naraichear le ceartas thu ;
Biodh agad misneach laidir,
Tha t’f hiachan uile paighte—
Air t’Urras cha d’thig faillinn,
Na rinn ’s na tha e’s leat-sa sin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence