Skip to main content

‹‹‹ prev (7) Title pageTitle page

(9) next ››› Page 3Page 3

(8) Page 2 -
Gur soilleir h-uile dhuinn
Nach aite so gu fanachd arm;
Ged leigeadh daoine taiiih dhuinn
Cha ’n f hag am birs ann f’ada sinn;
Ach tha tir Chanaain
Na rioghachd a tha ni’s fearra,
’S theid sinn a suas gun dail innt’,
A’s tha e lan do bheannachdan.
Si sud an rioghachd aghmhor
’Sam bhbil luchd-aitich maitheasach;
Cha bin uachdrain straiceil
A’ spuineadh chaich le an-iochd innt’.
Cha ’n fhaic iad maoir le barlinn,
’S cha ’n fhaobhaichear le mal iad,
’S cha’n fhuadaichear o’n cairdean
An sluagh is abhaist tathaich innt.
Ma theid daoin’-uaisle ’n ait-s’ innt’
Cha ghnathaich iad na cleachduinnean
Choimh-lion iad thaobh na ’n cairdean
A sgannr iad as na bailtean so;
Oir caochl’ar staid a’s abhaist
Gach duine ’theid do ’n ait ud—
Mar mheudaichear an aireamh
Bidh saibhreas chaich a’ pailteachadh.
O’n ’s duthaich i ’tha luachmhor,
’Se uaislean tha air fad innte;
Ged bha iad bochd nan trughain
Mu ’n d’ fhuair iad ann an gealladh i,
Cba ghann a rinn iad gluasad
A dh’ imeachd air a tuairmeas
Na chunnaic iad dhi tuaileas,
’Sa f’huair iad oirre barandas. t

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence