Skip to main content

‹‹‹ prev (15) Columns 29-30Columns 29-30

(17) next ››› Columns 33-34Columns 33-34

(16) Columns 31-32 -
31
t-Seann Tiomnaidh ?
F. Am timchioll-ghearrad.i
agus an t-Uan-caisge.
C. Am blieil iad sin a nis air
an cur air chul ?
F. Tha.
C. Ciod iad sacramainte an
Tiomnaidh Nuaidh ?
F. Am baisteadh agus suipeir
an Tighearna.
C. Co a dh’orduich iad sin ?
F. losa Criosd, aon cheannard
na h-eaglais.
C. Ciod i a’ chrioch chum an
d’orduich a na sacramainte so?
F. Gu bhi ’nan seulaibh air
cumhnant nan gras,' agus
chum a phobull fcin a dhaing-
neachadh ’nan creidimh.
C. Cia fhad a mhaireas
iad ?
F. Gus an tig Criosd a ris.
C. Ciod an samhladh no’n
comhara o’n leth muigh, a ta
air a ghnathachadh anns a’
bhaisteadh ?
F. Uisge air a chrathadh air a’
chorp.
C. Ciod a ta air a chiallachadh
le sin ?
F. Fail Chriosd a ghlanas air
falbh peacadh agus ciont an
anama.
C. Co an t-ainm anns an do
bhaisteadh thu ?
F. An ainm an Athar, a’
Mhic, agus an Spioraid
Naoimh.
C Ciod iad na comharan on’
leth muigh ataann an snip eh
an Tighearna ?
F. Aran agus fion.
S°2
C. Ciod a ta iad sin a’ ciallach-
adh dhuinne ?
F. Corp agus fuil Chriosd.
C. Cuin a dh’orduich Criosd
an t-sacramaint so ?
F Anns an oidhche san do
bhrathadh e.
C. Ciod a’ chrioch chum an
d’orduich e i ?
F. Chum cuimhn a bhais agus
’fhulangais a chumail suas
mcasg a phobuill fein gu
deireadh an t-saoghail.
C.Am bheil eadar-dhealachadh
air bith eadar am baisteadh
agus Suipeir an Tighearna ?
F. Tha.
C. Nach ’eil iad le cheile a’
taisbeanadh, a’ seulachadh,
agus a’ co-chur nan nithe
ceudna ?
F. Tha.
C. C’ait am bheil an t-eadar-
dhealachadh ma ta ?
F. Tha aon diubh air son tbis-
eachaidh,—an aon eile chum
altruim ; ’se am baisteadh an
dorus air an eigin do chloinn
De dol a steach,—is i Suip¬
eir an Tighearn am bord aig
an eigin doibh a bhi air am
beathachadh.
0. Am bheil am Baisteadh gu
bhi air a fhrithealadh a ns ?
F. Cha’n ’eil.
C. Am bheil Suipeir an Tigh¬
earna gu bhi air a gabhail gu
minic ?
F. Tha.
C. Cia lion earrann a ta arm-an
Urnuigh ?
F. Tri.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence