Skip to main content

‹‹‹ prev (2) Columns [3]-4Columns [3]-4

(4) next ››› Columns 7-8Columns 7-8

(3) Columns 5-6 -
5
neo-chriithaichte agus neo
chriochnaichte.
C. An robh toiseach sam bith
aig Dia ?
F. Cha robh.
C. Am bi crioch gu brath aige?
F. Cha bhi.
C. Am bheil e aim o bhith-
bhuantachd gu bitlibhuant-
achd? F. Tha.
C. An robh toiseach ag ainglibh
is aig anamaibh dhaoine ?
F. Bha.
C. Co thug sin doibh ?
F. Thug Dia.
C. Am bi crioch aca ?
F. Cha bhi.
C. Nach ’eil Dia ni’s ro ghldr-
mhoire na’s urrainn sinne a
thuigsinn ? F. Tha.
C. Cia lion Dia a ta ann ?
F. Cha’n ’eil ann ach aon a
mhain.
C. Cia lion pearsa a ta san
Diadhachd ?
F. Tri pearsa.
C. Co iad ?
F. An t-Athair, am Mac, agus
an Spiorad Naomh.
C. Nach ionann nadur do’n
triuir sin ?
F. Is ionann.
C. An robh toiseach aig an
t-saoghal ? F. Bha.
C. Co a rinn e ?
F. Rinn Dia.
C. Co dheth a rinn se e ?
F. Do neo-ni.
C. Co leis a rinn se e ?
F. Le focal a chumhachd.
C. Ciod an inn a ghabh e g’a
dheanamh ?
6
F. Sialaithean.
C. Ciod an staid san d’ rinn e
na h-uile nithe ?
F. Rinn e na h-uile nithe gu
ro mhaith.
C. Co do na laithibh air an
d’ rinneadh an duine ?
F. Air an t-siathamh latha.
C. Ciod a rinn Dia air an
t-seachdamh latha ?
F. Ghabh e fois o ’uile oibribh,
agus naomhaich se e chum a
bhi na shabaid dha fein.
C.Co an ceud fhear agus a’cheud
bhean a bha air an t-saoghal?
F. Adhamh agus Eubha.
C. Ciod an staid san do chruth-
aicheadh iad ?
F. An staid naomh agus shona.
C. An robh iad saor o gach peac-
adh agus truaighe? F. Bha.
C. An d’ fhan iad anns an
staid sin ?
F. Cha d’ fhan.
C. Cia mar a thuit iad uaithe ?
F. Le briseadh cumhnaint ri
Dia.
C. Cia lion cumhnant a rinn
Dia ris an duine ?
F. Da chumhnant.
C. Ciod iad ?
F. Cumhnant nan gniomh,
agus cumhnant nan gras.
C. Co ris a rinn Dia cumhnant
nan gniomh ?
F. Ri ar ceud sinnsearaibh,
Adhamh agus Eubha.
C Am b’ann ’nan ainm fein a
mhain a rinneadh e ?
F. Cha b’ann ’nan ainm fein
a mhain, ach an ainm an
sliochd gu leir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence