Skip to main content

‹‹‹ prev (177) Page 165Page 165

(179) next ››› Page 167Page 167

(178) Page 166 -
166
BEATHA AGUS IOMPACHADH
toirt buaidh ann an Criosd gun dbchas a bhi
agam san fhebil, agus a miannachadh gu
durachdach eiseamplair a leantainn. Agus a
nis’ a chionns is gu’m beil mi creidsinn ann an
Criosd losa tha “ sith Dhfe a tha dol thar uile
thuigse” air lionadh m’anma gu 16ir,—Thainig
mi a chuid eile de’n t-slighe mar neach a
chaidh a dlmsgasdh o na mairbh agus bu ghann
a b’urrainn mi cumail orm f&n gu’n m’aoibh-
neas a chuir an cfrll do’n bliuidhean a blia
tachairt rium air an rathad mhor.
Air dhomh tighinn dachaigh agus tim fhaigh-
inn gu smuainteach air na rinn an Tighearna
do m’anam, be cheud ni a bha mi air son a
rannsachadh, an ni a bha mi a’ saoilsinn bu
cheann-fath do na h-uile thruaighe a thainig
orm anus an da bhliadhna chaidh seachad.
Agus cho-dhuin mi gu’m be a bhi ’g altrum
smuaintean dioghaltais an aghaidh a leithid so
de mhuinntir a rinn eucoir orm. An sin dh’
fhebraich mi gu durachdach ri mo chridhe
fein mar ann an lathair Dhe, agus thubhairt
mi:—“ Air faicinn dut gu’m beil Dia r4ith riut
ann an Criosd, gun a bhi cuir t-eaceartan as
do leth, nach eil thusa le t’uile chridhe air do
reiteachadh ri do naimhdean fein, gu sbnraichte
ris a leithid so de mhuinntir gun a bhi cur an
ea-ceartan an ire dhaibh?” Thug m’uile
chridhe freagradh do’n cheiste so,—“ Tha,
Tha, tha mi; oir a chionn gu’m beil Dia r4ith
riumsa, eadhon riumsa, tha mis air an latha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence