Skip to main content

‹‹‹ prev (175) Page 163Page 163

(177) next ››› Page 165Page 165

(176) Page 164 -
1(54
BEATHA AGUS IOMFACHADH
mi sios ag’ 6isdeachd na searmoin so, agus
shaoil leam gu’n robh m’uile bhanntaibh air am
fuasgladh agus na neoil air sgaoileadh : ach air
ball dhuisg Satan suas teagamh nach b’urrainn
leithid an ti mu’n robh a’ ministear a’ labhairt
a bhi na leanabh do Dhia.
Air mo shlighe dhachaigh shuidh mi a leag-
adh mo sgibs diom, agus ann an tiotadh bha mo
theagamhan air sgaoileadh air falbh: bha na
geatachan prais agus croinn iarainn an as-creid-
eimh air an bristeadh agus m’anam air a leig-
eadh fa-sgaoil. Thug buachaill Israeli m’anam
air a leth mhilleadh a beul an leoghain. Spion
se a’ chreach a’ fiaclan an uabhasaich agus mise
mar aithnne as an teine; agus mu’n d’eirich
mi d m’hite suidhe bha mo theangaidh air a
fuasgladh a chum hrd chliu mo Dhe a sheinn:
agus air an am cheudna dh’eirich losa Criosd
Mac an ionracais orm le slainte fo sgiathaibh.
Ach an robh ioghnadh ann mi bhi toilichte ?
Nach b’iongantaiche nach tug mi suas an deb le
h-eibhneas. Ged do bhiodh na beanntaichean
a bha mu’n cuairt domh 'nan or agus ’nan airg-
ead, agus iad gu 16ir leam fein, mheasainn iad
mar aolach agus mar shalachar an coimheis ri
oirdheirceas Chriosd losa mo Tighearna. An
robh iongantas ann gu’n robh mi toileach fhaic-
inn nach fhaca mi o cheann beagan bhliadhnach-
an ach aineamh, no mar choigreach nach
fanadh ach re didhche, agus re da bhliadhna
nach faca mi idir: ach feadh a bha m’ Fhear-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence