Skip to main content

‹‹‹ prev (165) Page 153Page 153

(167) next ››› Page 155Page 155

(166) Page 154 -
154
BEATHA AG US IOMFACHADH.
adh an Tighearna ni eigin domh de dhiomn-
aireachd a fhreasdail air flioillseachadh anns
an fhacal so:—“ Agus a ta fhios again gu’n
comh-oibrich na h-uile ni chum math do’n
dream aig am beil gr&dh do Dhia, eadhon
dhaibhsan a ghairmeadh a r6ir a ruin." (Rom.
viii. 28.) Tha mi a mothachadh gu’m beil
cuing Chriosd so-iomchair agus uallach eatrom
air doigh is gu’m faod mi a radh nach eil iunh-
gharan no trioblaidean agam. Ged a dh’fhaod-
adh e bhi na ghnothach annasach, fbs tha e
fior, agus is e na h-uile aobhar as urrainn mi a
thoirt air a shon an sealladh a thug Dia
dhomh air an earrann de fhacal a luaidh mi
ma dheireadh, anns an ochdamh caibidil de
littir Phbil a chum nan Rbmanach. Gach
uair a thig trioblaid am dhail, tha e ’g ath-
nuadhachadh m’umhlachd da thoil, ach cha’n
urrainn mi gu brath an taitneas a’ chuir an
c6ill a ta m’anam a’ faighinn anns a’ ghniomh
sin, air leam ged nach robh duais a’ feitheamh
air diadhachd anns an t-saoghal eile nach
malairtinn a suaimhneas anns an ilm air son
aon ni anns an t-saoghal so.
A' chend latha den Mhdigh 1744. Bha mi
fad ann an teagamh m’u thmichioll lan shaorsa
bho pheacadh, ni a ta nis’ ann am mdrthomhas
air glanadh suas. Aig an am so bheothaich an
Tighearna tograidhean durachdach n’am anam
an geall airnaomhachd naduir agus samhlachas
*4 iomhaidh a Mine grkidh. Rinn mi osnaich

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence