Skip to main content

‹‹‹ prev (160) Page 148Page 148

(162) next ››› Page 150Page 150

(161) Page 149 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
14S>
ridh chum is nach biodh e air krdachadh thar
tomhais leis an ni sin a chaidh a bhuileachadh
air. An robh aig Pbl a nise tearmunn an agh-
aidh an deilg so ; cha robh, cha bhiodh sin
coltach ri ghabhail thuige mar bha e air a chur
da ionnsaidh chumis nach biodh e air ardachadh.
Ach ciod a rinn e, ghuidh e air an Tighearna
tri uairean an aghaidh an deilg ud agus fhuair
e am freagradh. so, “ gu’n robh gras an Tigh¬
earna fein lan-fhoghainteach air a shon.” Bha
e daonnan fann an deigh gach ni a fhuair e
cheana, ach be neart Dhd, cumhachd Chriosd
a bha ga chumail suas, agus ga ghiulan air agh¬
aidh.”
’Nuair a leugh mi an litir so chunnaic mi
am mearachd eagalach anns na thuit mi le sgur
de dhurnaigh aim an lathair Dhg, agus a’
chrioeh mu’n do chuir e do’m ionnsaidh a leithid
sud de dhealg. Aig an am cheudna chronaich
an Tighearna Sktan, agus neartaich e mise chum
buaidh a’ thoirt air mo pheacannan a sh6inn cho
liugha buaidh-chaithream tharam o cheann
ghoirid. Be’n t-aobharmu’n do chuir an Tigh-
earn na buairidhean camparach agus goirt so
do’m ionnsaidh na nithe so a leannas :
Anns «’ cheud dite. Chum mo chronachadh
airsonmoleisg agus momhi-churam, “Smachd-
aich t’aingidheachd fein thu agus ni do chiil-
sleamhnachadh f6in do chronachadh,” &c. (ler.
ii. 19.) Bha e mar gu’n abradh an Tighearna,
chionn nach dh’fhoghainn aingidheachd agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence