Skip to main content

‹‹‹ prev (150) Page 138Page 138

(152) next ››› Page 140Page 140

(151) Page 139 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
139
aon iobairt thoileach, agus mar rinn mi aims
na lathaibh a dh’fhalbh mo bhuill chorparra
’thoirt seachad mar ionnsramaidean an-ionn-
racais do neo-ghlaine, tha mi nise ga’n toirt
suas mar ionnsramaidean a chum naomhachd ;
agus mo thoil a bha ro ceannairceach tha mi
nise ga toirt suas do d’ thoil naomh’ agus bheann-
aichte sa,—agus m’inntinn dhorcha chum a bhi
air a soilleireachadh le do Spiorad Naomha
chum is gu’n aithnich mi an ni sin a th’ air a
thoirt dhomh gu saor le Dia, agus mMnntinn a
chumail t’fhirinn luachmhor air chuimhneagus
a bhi smaointeach air do naomh reachd a latha
agus a dh’oidhche agus mo riiintean a ta
feolmhor agus talmhaidh a bhi air an deanamh
spioradail.
Agus tha mi toirt suas dut mo chridh, a tha
cealgach thar gach ni, peacach, agus neb-ghlan,
() dean e mar a b’aill leat e bhi, bog, so-lub-
aidh agus naomha. Fosglaibhsa O uile dhor-
san m’anma chum as gu’n tig Righ na glbire
steach chum comhnaidh dheannamh ann gu
siorruidh. O Thighearna sgrud gach cuil
de’n chridhe cheannairceach so, agus fuad-
aich air falbh gach nhmhaid as a chum a’s gu’m
faod do chathair fein a bhi air a suigheachadh
’na miieadhon, cuir fein suas cbmhlaichean ri
dhorsan agus gleidh anduchair chum nach tig
aon air bith a steach gun t-5rdugh. Dean
faire-thar a’ bhaile, air neo bidh mise ri faire gu
diamhain, O Thighearna gabh ris an iobairt

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence