Skip to main content

‹‹‹ prev (111) Page 99Page 99

(113) next ››› Page 101Page 101

(112) Page 100 -
100
beatha agus iompachadh
biodh Criosd agus uile dhreuchdan air an ard
chliuthachadh. Bha ini air mo thoirt gu f haic-
inn gu’m be Criosd na h-uile anns ’na h-uile,
agus gu'n robh mi-fein mar neo-ni.
Is e so bunaid mo dhbchais, mo chomh-f hur-
tachd, mo shuaibhneas, agus mo dhideinn.
Agus a nis O m’anam ciod i do bharails air
Criosd ? nach e is S,ilidh a measg dheich mile
agus a ta gu leir so-ghradhach? Nach e t-uile
shlhinte agus t-uile mhiann? Se, se gu deimin!
Air feasgar na Sabaid sin, an deigh dhomh
a’ chuid bu mho de’n latha a chaitheamh a’
beachd smuainteach air an lanachd a ta ann an
Criosd; chunnaic mi cho freagarrach sa bha e
do’m chor air gach doigh; agus mar gu’m
beadh, ghairm mi air mo cheud as-creideamh
a dh’fheuchainn an robh ni sam bith aige ’an
agaidh an t-Slanaighear iomlain so, a bha nis’
air fhoillseachadh dhomh anns an t-soisgeil;
ach aig an am so cha bu dana le as-creideamh
e-fein a nochdadh a’m lathair. Ghairm mi gu
bithcheanta an Sgriobtur ro-ainmaichte gu bhi
agam mar choraichean air an bighreachd,
neamhaidh, oir chunnaic mi gu’m beil e a’
cumail nis mo no’s urrainn mi’ sgriobhadh no
aithris. O is farsainn e I
Air dhomh searmoin a chluinntuinn bho’n
cheann-teagaisg so, Gniomh. xxvi. 18, fhuair
mi mor chumbachd agus beatha a’ tighinn a’
cb-lorg an fhacail air a shearmonachadh, agus
an uair a bha cotharraidhean Sgriobturail air a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence