Skip to main content

‹‹‹ prev (103) Page 91Page 91

(105) next ››› Page 93Page 93

(104) Page 92 -
92
BEATHA AGCS IOMPACHADH
an Tighearna dhomh mar an ceudna ni-eigin
de Iknachd Chriosd, agus m’fhalmachd fiin
agus m’uile dhleasanasan. Gidheadh, cuir mi’n
teaghamh a thoil ann e lanachd a bhuil-
eachadh ormsa. An deigh sin chaidh mi
do Chomrai far na shearmonaich Mr. Hally,
ministear na Maoile, o’n chuigeamh caibidil
de Shoisgeil Mhata; agus chuidich an Tigh¬
earna leam chum feum a dheanamh, de’n
treas, de’n t-se-amh, agus de’n t-sheachdamh
rann le mbr thaitneas do m’anam. Ach cha
deach iomadh latha an deigh sin seachad gus
na ghluais mi m’uile bhunaid a smaointeach
nach robh ann gu 16ir ach fior mhealladh.
Tacan an deigh sin fhuair mi leabhar a bha
tighrnn air teagasg an fhireanaichidh, agus na
caochladh sheallaidhean a bha aig muinntir air
Criosd a ’nuair a dhluthaicheadh iad ris a
dh’iarraidh beatha agus slainte, Thug ughdar
an leabhair so fainear;—“ Gu’n robh ceud
ghluasad a’ chreideimh anns an anam a dol
fo shuaicheantasan eugsamhail; mar ag amharc
air losa, a’ tighinn gu Criosd, a’ teicheadh a
chum a’ bhaile dhiona; a’ ruith a dhionnsaidh
ainme mar a dh’ionnsaidh daigneach laidir,
a’ liubhairt an anma ’na lamhan a’ cuir an
dbchais ’na ainm; air chor is gu’m faod
ceud gluasad creideamh ann an caochladh
anamannan a bhi air doighean air leth bho
ch&le. Tha aig cuid seallaidhean ni’s soilleire
air Criosd, agus comas ac’ air creidsinn ann

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence