Skip to main content

‹‹‹ prev (99) Page 87Page 87

(101) next ››› Page 89Page 89

(100) Page 88 -
88
BEATHA AGES IOMPACHADH
cbmhnadh an Spioraid Naoimhe ; ach, tabhair
fainear a rithist an t-eadar dhealachadh ;’nuair
a thuiteas an t-uisge nadurrach braichidh e
luibhean fiadhain cho math ris an arbhar: ach
tha uisg’ an Spioraid ag arach an arbhair a
mhbin, agus a’ marbhadh nan lus; agus osbarr,
faodaidh uabhas an lagha cridheachan cloiche
a bhristeadh na’m bloidibh, ach tha’m mir as
lugha de’n chloich sin fathast ’na cloich ; ach
’nuair a thig buaidh thaisichidh an Spioraid
Naoimhe leaghaidh e an cridhe cloiche gu
cridhe febla.” Bha na nithe so feumail
dhomhsa.
Air bidhche Di-luain bha mi air mo mheud-
achadh am feadh a bha mi ri m’ urnaigh
dhiamhair,. agus theagaisg an Tighearna iom-
adh ni dhomh o’n sgriobtur so ;—“ Uime
sin, deanaibh tuilleadh dicheill chum bhur
gairm agus bhur taghadh a dheanamh cinn-
teach.” (2 Fed. i. 10.) Ann an so chunnaic mi
nach be mo dhleasanas feoraich air tus mu
thimchioll mo thaghaidh, ach feuchainn am
b’urrainn mi tighinn gu eolas a bhi air mo
ghairm :—“ Oir an dream a roimh-aithnich e
ro-brduich se iad mar an ceudna.” Thug
an Tighearna cuid de sholus domh mar an
ceudna m’u fhireanachadh agus m’u ghairm-
eifeachdach; agus mar an ceudna deagh
dhbchas.
Bha sacramaid suipeir an Tighearna gu bhi
air a frithealadh ann an Cala-sraid, agus chaidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence