Skip to main content

‹‹‹ prev (82) Page 70Page 70

(84) next ››› Page 72Page 72

(83) Page 71 -
DHUGHAILL BOCHANNAIIf.
71
oir labhair esan uime mar air leth bho theagasg
sam bith eile air an t-saoghal. Bha mi fad’ an
geall air tuille fiosraichidhabhi agam air an teag-
asg so na saor ghras; uime sin leugh mi gach
/eabhar a b’urrainn mi fbaotainn gidheadh bha
mi fathast anns an dorcha; shaoil mi gu’m be bhi
air mo shaoradh le saor ghras, fior umhlachd
a thoirt do dh’aintean De, agus ge be ni anns
an tiginn gearr, gu’m mathadh Dia domh e air
sgath Chriosda. Agus an uair a thug mi an
gealladh fainear, sheall mi air tus air a’ chiimh-
nanta a bha gu bhi air a cho-lionadh leam mu’m
b’urrainn mi ghabhail orm cbir sam bith a bhi
agam air.
Cha b’urrainn mi na nithe so f haicinn ann an
solus ceart, agus ged do bha muinntir eile
toileach mo theagasg cha leiginn m’ain-eolas
ris daibh. ’Nuair a leugh mi an gealladh so;
“ Thigibh am’ ionnsaidh-sa sibhse tha ri saoth-
air agus fo throm uallach agus bheir mise
suaibhneas duibh.” Shaoil mi nach robh coir
aig duine sam bith tighinn a dh’ionnsaidh
Chriosd ach iadsan a tha fo throm uallach, le
fradharc air am peacannan; agus an gealladh
so:—“ Cia be air bith leis an aile gabhadh e
de dh’uisge na beatha gu saor.” Chunnaic mi
gu’n robh togradh air iarraidh mar an cumh-
nanta do’m thaobhsa, agus gu brath gus am
faighinn an ni sin air oibreachadh annam-f6in
nach gabhainn de dhanadas orm buntain ris
a’ ghealladh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence