Skip to main content

‹‹‹ prev (62) Page 50Page 50

(64) next ››› Page 52Page 52

(63) Page 51 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN. 5i
eadh i leas sin innse dhomh, gur math a bha
fios agam fein air. “ O an t-iongantas!” ars
ise, “ am beil fios agad gu’n teid thu ’dhith ?”
am beil thu ann an an-dochas, no ciod a tha
cuir ort?” Dh’iarr i an sin orm a dhol a
dh’ionnsaidh fuil Chriosd a ghlanas air falbh
am peacadh is deirge dath. Thuirt mi rithe gu’n
do mheas mi fhuil mar ni mi-naomha agus gu’n
d’ rinn mi di-meas air Spiorad nan gras. Dh’
fhibraich i an sin an robh mi idir ag urnaigh,
no c’ uin’ a rinn mi an urnaigh mu dheireadh.
Fhreagair mis’ agus thubhairt mi, nach do lub
mi mo ghlun re nan ceitheir bliadhna chaidh
seachad. Dh’ fharraid i an sin an deanainn
urnaigh an nochd agus thuirt mise •. “ Cha
dean, cha dean mis’ urnaigh gu brath,” oir gu
dearbh chuir mi romham' nach deanainn sin,
oir aig an hm ud cha b’urrainn mi uidhir
a’s beannach iarraidh roimh na trdcairean
coitcheann a bha Dia a’ bhirigeadh orm; ni
mb ghabhainn de dhanadas orm, ainm mbr an
“ Tighearna do Dhia” a luaidh ann am bheul.
Dh’ aslaich i orm co-dhiu urnaigh a chuir suas,
agus mi-fein irioslachadh an Ihthair Dhe a
dheanadh fa-dheoigh mo thogail suas mar neach
air a dhamnadh ach a chaidh a thearnadh. O
ciod an diteadh cridhe, ciod na smuaintean
uabhasach a bha agam mu thimchioll Dh£!
Sheas mi mar an cis-mhaor fad air falbh, agus
thubhairt mi,—“ A Dh6 bi trbcaireach dhomhs’
a ta am pheacach.” Cha’n ann le miodal a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence