Skip to main content

‹‹‹ prev (50) Page 38Page 38

(52) next ››› Page 40Page 40

(51) Page 39 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
39
am f6in gun robh fathast dochas ri tighiun a
ifrinn a chionn nach robh i siorruidh ach gu
marsinn a mhhin rfe seal. O ! an teagasg mills
de neach mar raise nach robh a’g amharc air son
ni sam bith ach dioghaltas siorruidh gu’m faod-
ainn a nise beagan misnich a ghabhail.
’Nuair a dhealaich mi ris an duine so,
thbisich mi air sparradh air muinntir eile a bhi
de na cheart bheachd so, agus sin leis na
dearbh argamaidean a ghnhthaich e-fein riura-
sa, ach cha chreideadh neach sam bith mu
theagasg agus gu dearbh cha b’iongantach e
oir cha do Ihn chreid mi-fein e. Cha b’urraina
mi a lan-chbmhdach air m’ inntinn ach a
mhain gu’m b’ f hearr leam gu’n robh e fior, ach
bha m' uile iarrtasan air am brudhadh leis an
smuain so :—Gu’n robh Dia ann agus gu’m bu
Dia fior an Dia sin agus gu’ii tubhairt e ’na
fhacal gu’m biodh peanas nan aingidh anns an
t-saoghal eile siorruidh, agus gu’m be duine
mar mi-fein a thubhairt nach bitheadh e ach
car seal. An sin chuimhnaich mi air na
briathran so. “ Biodh Dia fior agus gach
duine na bhreugaire,” agus thubhairt mi ma
bha Dia fior gu’m b’eigin dhomhsa a bhi ann
an ifrinn feadh linntean na siorruidheachd.
Air dhomh gun ach beagan comfhurtachd
fhaotainn o’n teagasg nuadh so thbisich mi air
smuainteachadh cia mar chuirinn suas le teine
claoidhteach, agus a chbmhnaichinn ann an
lasraichean siorruidh, agus cia mar chumadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence