Skip to main content

‹‹‹ prev (46) Page 34Page 34

(48) next ››› Page 36Page 36

(47) Page 35 -
DHOGHAILL BOCHANNAIN.
35
b'urrainn mi innse, mar a b’ann le cumhachd
agus gliocas a Chruithear. Agus mar so ’nuair
a bheachdaich mi air obair a chruthachaidh
agus an fhreasdail, bha m’inntinn ann an
rudaigin de mhodh air a sochrachadh anns a
bheachd gun robh Dia ann, agus a’ freasdal da
uile chreutairean.
Latha eile air dhomb a bhi falbh air feadh
nan raon, fhuair mi claigeann eich ’na laidhe
air an talamh air fks geal le sion an adhair air
chor is gu'n robh gach amladh a bha ga chum-
ail ri cheile gu soilleir ri fhaicinn. Air dhomh
a thogail suas ann am Ihimh rannsaich mi gu
mionaideach na h-uilt’ mhiorbhuileach leis an
robh aon mhir dheth air a thhthadh ris a mhir
eile, maille ris na lubaibh cama agus ris na
cuir shniomhain a bha ann m’u thimchioll
nan cluas agus nan ciiimhnein, sheall mi air
gach taobh dheth a dh’fheuchainn am measg
cho liugha amladh agus earrann air an tathadh
ri ch6ile am faicinn eadar-dhealachadh no neo-
iomlanachd annta, agus an deigh dhomh greis de
dh’uine a chaitheamh ann am feuchainn earrann
dheth ri earraium eile, cha b’urrainn mi an
t-eadar-dhealachadh bu lugha fhaicinn eatorra
ach eagair ionghantach agus co-chordadh
anns gach ball. Chunnaic mi a nise nach b’urr¬
ainn aon ni ach gliocas neo-chriochnach a
leithid so de mhir-ceaird a dheilbh, agus nach
b’urrainn na bha de dhaoine air an t-saoghal a
leithid eile a dheanamh, agus mar a b’urrainn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence