Skip to main content

‹‹‹ prev (44) Page 32Page 32

(46) next ››› Page 34Page 34

(45) Page 33 -
DHL’GHAILL BOCHANNAIN.
33
dheanamh. B’e cuideachd chridheil, shuilbb
ear, ioc-shlaint a b’fhearr a b’urrainn mi
fhaotainn a chum furtachd air mo dhbrainn
ni a thug orm ruith a dh’ionnsaidh cuideachd
gach uair a gheibhinn cothrom air sin a
dheanamh, agus do thaobh nach b’urrainn mi
a bhi do ghna am measg cuideachd, a chum
m’inntinn a chumail suas an uair a bhithinn
learn fein, no ’nam aonar, dh’ionnsaichidh mi
air mo mheaghair gach duan agus bran a
b urrainn mi fhaotainn, ni nach robh ach
na dhroch leigheas air cogais lebinte agus
thruaillidh, agus a dh’aindeoin gach ni d’an
d’rinn mi cha d’fhuair mi suaimhneas.
An sin shaoil mi na’n dearbhainn orm fein
nach robh Dia idir ann gu’m faighinn fois, ann
am inntinn, ach cha b’urrainn mi m’ inntinn a
shaoradh bho na bhaireil gu’n robh Dia ann,
be m’fhior dhurachd nach bitheadh, ach cha
b’urrainn mi an t-uabhas a bha orm roimh’
chorraich a chuir air di-chuimhne agus ann
am meadhon mo shubhachais, ’nuair a bheirinn
oidheirp air gach uile smuain m’u Dhia agus
m’u shiorruidheachd a chrathadh dhe m’inntinn
thigeadh lan-dhearbhadh laidir gu m’aig-
neadh gun robh Dia ann agus staid thruagh
shiorruidh air a h-ullachach do gach peacach
neo-aithreach. “ Thubhairt an t-amadan ’na
chridhe cha’n eil Dia ann.” Salm. xiv. 1.
Dh’fheuch mi nise na h-uile innleachd ann
am chomas chum a dhearbhadh orm fdin nach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence