Skip to main content

‹‹‹ prev (33) Page 21Page 21

(35) next ››› Page 23Page 23

(34) Page 22 -
22
BEATHA AGUS IOMPACHAM
as am dheigh. A thaobh nach robh ionad
dideinn eile dlu dhomh chaidh mi steach ann
an clausa (mar theirir ris) agus direach mar
bha mi dol a steach agus esan air ti a lann a
shhthadh annam, dh’brduich an Tighearna ann
na fhreasdal glbrmhor gu’n thuit e an aghaidh
a chinn, agus laidh e car iiine gun mhothach-
adh gus an d’fhuair mi teicheadh le’m bheatha.
Cha’n fhaod mi dearmad a dheanamh an so
air an treas uair a nochd Dia a fhreasdal do’m
thaobh feadh a bha mi chdmhnaidh anns an
ait’ ud. Air dhomh a bhi aon latha ro fhliuch,
ann an ceud mios a’ gheamhraidh, a’ tighinn a
Duneideann, thuit an bidhche ’nuair a bha mi
aig an Eaglais-bhric. ’Nuair a thainig mi gu
abhainn Charthuinn chaidh mi air ball a mach
air a’ bheul-hth gun smaointinn idir air an
dortadh uisge thuit re an latha, ach cha bu
luaithe rainig mi meadhon an t-srutha na
thoisich an t-each a bha fodham air call a
sheasamh-chas, agus a thaobh gun robh an
bidhche dorcha cha robh fios agam co dhiu a
rachainn air m’ aghaidh no phillinn air m’ ais,
air dhomh smaointeachadh, co-dhiu phill mi,
agus chaidh mi null air an drochait a bha tacan
beag air falbh o’n ath agus f huair mi dhathaigh
tearuinnte. Be cheud naigheachd a fhuair mi
an deigh sin gun deach duine bhhthadh an
bidhche sin ag oidheirpeachadh dol a null
air an dearbh ath air muin eich.
Tacan an deigh sin chaidh mifi Sruidhleadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence