Skip to main content

‹‹‹ prev (18) Page 6Page 6

(20) next ››› Page 8Page 8

(19) Page 7 -
DHUGHAILL BOCHANNAIN.
7
am peacadh, ach mar thubairt an Salmadair,
“ ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am
peacadh ghabh mo mhathair mi ’na broinn.”
“ Tha amaideachd” arsa Solamh “ ceangailte
ann an cridhe leinibh,” agus ged’ a ni “ slat an
smachdachaidh” am feadh sa tha i os a cheann
“ a cuir fada uaithe,” gidbeadh cha’n urr’ i
gu bratli a’ cuir uaithe cho fad is nach pill i
rithist, gus an dean naomhachd grds Chriosd
oibreachadh air. Sgriobh an t-Abstol Eoin
mar an ceudna chum cloinne bige do’n robh
am peacannan air am mathadh dhaibh, agus
mar an robh peacadh ann an cloinn bhig, ciod
am feum ,bha ac’ air aithreachas ?
Ach ? oharr air na dearbhaidhean soilleir
Sgriobtuir a ta comhdach’ firinn peacadh gine,
tha fein-fhiosrachadh ga chur as gach teagamh
dhomh f&n, gun thinig mi dh’ionnsaidh an
t-saoghail so le siol gach gne pheacaidh air a
chur ann am chridhe, ni air am bed am barr
tarbhach athionail Shtan bho mo leanbachd na
dhearbhadh soilleir. Oir cha trie a bhuaineas
daoine anns an bite anns nach cuir iad siol de
she? ,s’ eigin, agus g’e b’e air bith siol a chuir-
ear bidh an toradh do reir a naduir. Oir
tha’n t-Abstol ag radh “ Ge b’e air bith ni s>
chuireas duine’s e an ni ceudna a ni e bhuain."
Agus an so tha mi dearbhta, an ait’ onair a
chuir air Dia le mocheud thoradh gun d’fhuair
Satan ceud thoradh m’uile shaoithreach.
Tha mi ag aideachadh gun d’rinn mi iomadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence