Skip to main content

‹‹‹ prev (15) Page 3Page 3

(17) next ››› Page 5Page 5

(16) Page 4 -
4
BEATHA AGUS IOMPACHADH
agus gun robh gach uile shluagh air cruinneacli-
adh fa chomhair a chathrach, agus gun do
thearb se iad ’n-an da bhuidheann, a h-aon air
a Ikimh dheis, agus an t-aon eile air a lairah
chli; agus chunnaic mi mi fein maille ri buidh-
eann eile air mo dhiteadh a chum tosgadh
siorruidh. Rinn an ni sin a rithist mo thionn-
dadh a chum mo dhleasanais, agus bhuanaich
mi ann cho fad ’sa dh’fhan fiamhachd saoghail
eile air m’inntinn, ach coltach ri Pharaoh, cha
bu luaithe chaidh na smaointean sin an lughad
na chaidh mise lughad ann a m’ dhleasanas.
Ach bhuin an Tighearna rium mar a rinn e ri
Pharaoh, oir an uair a thoisich mis’ air fas
dearmadach agus neo-tboirteil, rinn esan do
ghna m’fhiosrachadh le seallaidhean eile de na
bruadaran uabhasach so a thug orm gu trie
pilleadh a rithist a dh’ionnsaidh m’ urnaigh.
Mu’n am arms na bhruadair mi na h-aislingean
so chreid mi gur h-e bh’ annta Spiorad Dhe a’
stri rium chum thoirt orm mo shligheachan
peacach a threigsinn. Mhair na h-aislingean
so re dha bhliadhna, agus bha mi ga’m faicinn
cho trie is fadheireadh, nach robh mi a’ toirt
umhail daibh. Fadheoigh, co-dhiu sguir iad,
agus cha robh mi ni b’fhaide air mo bhuair-
eadh leo. Bha mi mu’n am so m’a naoi
bliadhna dh’aois. “ Oir aon uair labhraidh
Dia, agus an dara uair cha’n amhairc e thairis
air; ann an aisling, ann an sealladh na
h-didhche, ’nuair a thuiteas cadal trom air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence