Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
[ 30 ]
Mo chreach Tearlach Ruadh, bdidheach,
Bhi fo bhinn aig righ Deorsa nara biasd ;
B’e sud diteadh na cdracb,
An fhirinn ’sa beul foipe sios ;
Ach a righ mas a deoin leat,
Cuir an rloghachd air seol a chaidh dbinn,
Cuir righ dligheach na corach,
Ri linn na tha bed os ar cinn.
Mo chreach armailt nam breacan,
Bhi air sgaoileadh’s air sgapadh’s gach ait,
Aig fior bhalgairean Shasuinn,
Nach no ghnathaich bonn ceartas ’na ’n dadl;
Ged a bhuannaich iad baiteal,
Cha b’ann da ’n cruadal na ’n tapadh a bha,
Ach gaoth ’n-iar agus frasan,
Thigh’n a nios oirnn bharr machair nan Gall,
’S truagh nach robh sinn an Sasunn,
Gun bhi cho teann air ar dachaigh sa bha,
’S cha do sgaoil sinn cho aitbghearr,
Bhiodh ar dlcheail ri seasamh n’a b’ fhearr;
Ach’s droch dhraoidheachd a’s drachdan,
Rinneadh dhuinne mu’n deachas ’nan dail.
Air na frlthean eolach a sgap sinn,
’S bu mhi-chomhail gu’n d’ fhairtlich iad oirnn.
Mo chreach mhor ! na cuirp ghle-gheal,
Tha na ’n laidh’ air na sleibhtean ud thali.
Gun chiste gun leintean,
Ga ’n adhlaiceadh fhein anns na tuill;
’Chuid tha bed dhiu ’n deigh sgaoileadh,
’S iad ga fogar le gaothan thar tuinn;
Fhuair a Chuigs’ a toil fdin dinn,
’S cha chan iad ach “ reubaltaich” ruinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence