Skip to main content

‹‹‹ prev (43) Page 41Page 41

(45) next ››› Page 43Page 43

(44) Page 42 -
42
àmgliaran agus fulangasan an còmhnuidh crannchur
nan naomh, agus thòisich iad còmhlath ri gràs.
Chur Abel a' cheud sainnseal anns a' chrois, agus
lean mòran e uaithe sin, agus fhuair iad an crùn.
A nis, a phobull Dè, ciod a tha sibh a' deanamh ?
Tha am Pàp agus na Pàpanaich anns an Roimh a'
deanamh aoibhneis agus a' losgadh teintean-aidhear :
Tha iad a' deanamh gairdeachais gu bheil Breatunn
agus Eirinn a' teachd dhachaidh a rithist gu'n
seann-mhàthair Eaglais, mar a deir iad riu fèin.
Ciod a tha sibh a' deanamh, a phobull Dè ? O gu'n
robh againn luchd-ùrnuigh mar Ester agus a maigh-
deannaibh. Bu reachd ruilteach sin mar an ceudna,
mar a ta mòran dhuibh an dràsd an Albainn. A
ms, a phobull Dè, thugaibh an aire nach tèid sibh
ann an còmh-bhoinn ris na h-aindiadhaich ; oir ma
theid. bithidh e duilich dhuibh faotuirm uath a
rithist ; oir aon uair 's gu'n tèid na ministeirean
mallaichte so, a tha strìochdadh do'n tìm, ann an
comh-bhoinn ris na nàimhdibh, agus a' ruitheas iad
maille riu ann an cùl-sleamhnachadh, tha co liugha
lùim mhallaicht air a theagasg dhoibh leis an diabhol
chum an slaoighteireachd a dhion, 's gur gann a
ghabhas an seacharan dearbhadh orra ; mar sin thèid
ìad air an aghaidh, agus theid mòran dhuibh anns an
linn so sìos do'n t-slochd. A nis, a phobull Dè ann
an Albainn, Ciod a tha sibh a' deanamh ? O bithibh
ag ùrnuigh gu dian: Ach innseam dhuibrr, ged
nach deanadh sibh ùrnuigh idir, gidheadh, bithidh
Eaglais Chriosd an Albainn air a saoradh : Bheir
gearan nan naomh, osnaich nam priosanach, fuil
neo-chiontach a' phobuill, glaodhaich iomadh bànt-
rach agus dilleachdan, agus maslaidhean na dieam
a ta air an gèur-leanmhuinn an Albainn air Dia
èiridh : Bheir a bhi saltairt air a ghlòhv, agus a'
reubadh a chrùin le ainneart a bhàrr a chinn air
èiridh.
O gu'n robh againne luchd-ùrnuigh a nis gu
gleachd ris! Agus O, gu'n robh aois agus òige ann
an ruigheadh ris gu èiridh ! O gu'n d' thugaibh e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence