Skip to main content

‹‹‹ prev (39) Page 37Page 37

(41) next ››› Page 39Page 39

(40) Page 38 -
38
Daibhidh, fhuair mi sin, ach cha'n iad sin uile
mo chuibhrionn ; cha d' thugainn adharc gaibhre
air an iomlan dhuibh sin, ann an coimeas ris an
taitneas urramach a bhios agam ann am madainn
na h-aìs-eiridh. " Sàsuichear mi 'nuair a dhuisgear,
mi le d' chosamhlachd." Faicibhs' a ta fulang air
son Chriosd, an deadh aobhar misnich a th'agaibh a
dh' aindeoin orra uile : glacaibh misneach le bhi
creidsinn dearbhachd nan nithe so. Tha Eaglais
bhochd iom-ruagta an fhior-chreidimh an Alb-
ainn, na luidhe an dràsd euslainteach tìnn fo làimh
Chriosd. Ach O's beannuichte an dream sin air
am builichear an t-sochair a bhi 'n an luchd còmh-
pàirt do'n ath-leasachadh bheannuichte sin ; ath-
leasachadh glòrmhor, an leinibh mhic sin a bheireas
a mhnaoi so a tha tìnn ri saothair. O tha fadachd
oirnn gus na laithean glòrmhor sin fhaicinn, a bhith-
eas annadsa gu h-aithghearr, O Albainn. Sgaoil
Albainn a mach uair-eiginn a glòir gus na h-uile tìr
mu'n cuairt : A nis, tha i 'n a suidh mar bhànnt-
raich, agus is tearc iad a ghabhas a làmh ; ach gidh-
eadh cha treig a fear-posda i, ach pillidh e fathast a
rithist g'a h-ionnsuidh, agus sgaoilidh e a mach a
glòir gus na h-uile tìr mu'n cuairt, ni's ro ghlòr-
mhoire na bha e roimhe.
A nis, 's e an t'ath ni a b'àill leam sibh f hòghlum
uaithe so, eadhon, gur ann an uair is trùime a
chrois air drùim a' chreidmhich bhochd, an t-aon
uair is maisiche a ta e a' faotuinn seallaidh do Iosa
Criosd, oir is e fulang an rathadh ealamh gu glòir,
agus is e so fèin-fhiosrachadh an nèul sin do dh'f hian-
uisibh a dh'fhulaing air son Chriosd, mar is urrainn
doibh teisteas a thoirt : Uime sin, na fannaichibh air
an t-slighe a dh'aindeoin na's urrainn nàimhdean
fuilteach a dheanamh oirbh.
A nis, a phobull Dè, an Albainn, tha ni eile
agam ri innse dhuibh, eadhon, b'àill leam gu'm
faigheadh sibh iocshlaint-dhìonaidh, oir tha sibh
ag imeachd ann an àileadh gàbhaltach, agus ni's
dlùithe do chunnart na tha sibh a' toirt fainear.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence