Skip to main content

‹‹‹ prev (37) Page 35Page 35

(39) next ››› Page 37Page 37

(38) Page 36 -
36
re' na h-oidhche sin ; cha'n e a mhàin gu'n d'rinn
e adhaltranas, agus mort a mhaduinn sin, ach
shaoil leis gu'n cuireadh e a leanabh adhaltranach
air Uriah urramach ; tha aon droch gnìomh an
còmhnuidh a' deanamh rathadh do dhroch gnìomh
eile: 'S ann mar so a tha tachairt do na Chle'ir
mhòr againne air an là'n diugh, na mealltairean
gràineil a tha iad ann. Theid mis an urras gur e
so dòigh mòran do na ministeirean mòra ; na
h-uile droch gnìomh a ni iadsan, cuiridh iad uile
iad as leth a' Bhiobuill, agus ni iad an còmhnuidh
am barandas do'n Bhiohull; tha chlèir agus a'
chovnhairle uile a' deanamh an dearbh ni so,
eadhon, an uair a tha iad a' dìteadh naoimh Dhè,
agus 'g am marbhadh air son a bhi 'g aideachadh
aobhar agus cùmhnantan Iosa Criosd, agus air
son uachdranachd rioghail-san aideachadh an Alb-
ainn, a thug na mealltairean truagh so uaithe,
agus a dh'aontaich gu'm biodh e air a thoirt uaithe
anns na tìribh so air an là'n diugh ; tha mi 'g
ràdh iadsan a tha deanamh so, eadhon a' chomh-
airle, na sagartan, agus an dream a ghabh ris an
droch shaorsa, tionndaidh iad an àirde am Biobull,
agus their iad gu bheil barrandas aca uaithe-san
gu sin a dheanamh ; ach tha iad 'g am mealladh
fèin, agus a' deanamh fànoid air an Tighearna le sin
a dheanamh, ni air son an dean an Tighearna
dioghaltas orra gu h-aithghearr. Ach innsidh mi
dhuibh cionnus a tha iad a' deanamh ris a Bhio-
bull, tha ceart mar ni na saor-luingeas ris na clàir
mìiòr 'nuair a bhios iad 'a togail luinge, cuiridh
iad anns an teine iad, agus lubaidh siad iad a chum
an f heum is miann leo : Ach na deanaibh-sa
mar sin, fàgaibhs' am Biobuli anns an luidhe 's na
chuir Dia e ; agus mar bharandas dhuibh air son
sin, faicibh Taisb. xxii. " An neach a chuireas ris,
no bheir uaithe," &c. Faicibh ciod am binn a tha
Spiorad Dhè a' toirt a mach 'n a aghaidh. O an
cul-sleamhnachadh eagallach a dh'aobbaraich e
an Albainn gu'n bhi toirt an aire gu ceart do na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence