Skip to main content

‹‹‹ prev (26) Page 24Page 24

(28) next ››› Page 26Page 26

(27) Page 25 -
t-iomlaii thairis. A nis, a phobull De, tha so agam
ri innse dhuibh ruar an ceudna, gu'ni bn chòir
dhuibh uile bròn a dheanamh, air son gur ann le
treabhadh le ar agha-ne fein, a fhuair nàimhdean
Dè an Albainn, riamh ar bristeadh mar fhuair iad :
bhrist iad Eaglais Dhe an Albainn, agus dhìothaich
iad sinn uile leis au droch shaorsainn aingidh agus
ìodhal-aorachso : ach innseam dhuibh, adh'aindeoin
gach innleachd a dh'fhògluim iad bho 'm maighstir
an diabhol a chum co liugha ministeir agus fear-
aidmheil a tharruing 'n an deigh air son fasgadh
peacach, sguabaidh Dia air falbh iad anns an tuil
do chorruich a th' aig an dorus. Sguabaidh e air
falbh araon càirdean agus nàimhdean : ach innseam
dhuibh, brisidh ar Tighearn iad le'n crànn fèin, oir
's maith is urraiun e sin a dheanamh, agus nì se e
an Albainn gu h-aithghearr, brisidh agus sgriosaidh
e iad co iomlan 's gu'm bì fuigheall Bhaail fathast
gràineil ri bhi air an ainmeachadh an Albainn, no
ann an aon air bith do na duthchanan so ; tha mi
ciallachadh gu'm bì iodhal-aoradh, agus uile bhath-
ar pàpanach na Ruimh air an sguabadh air falbh le
fuil nan naomh a chaidh a dòirteadh, agus a tha gu
bhi air a dòirteadh an Albainn, agus auns na tìribli
so a cheangail ann an cùmhnant mu'n tèid an stòirm
thaiiis, agus an sgur an Tighearna dhinne, agus
eadhon annad sa. Albainn, cheanuairceìch.
Ach 's gìòrmhor na lathachan a bhios fathast
annad-sa, O Albainn, a dh'aindeoin air diabhol-
aibh agus air daoinibh aingidh, seadh, a dh'ain-
deoin air gach uile ar-amach, agus tuiteam air
falbh do'm bheil pobull cùl-sleamhnachaidh Dhe'
ciontach. Cha'n urrainn iad èis a chuir air, 'nuair
a philleas an Tighearna. Uime sin, cuiream mar
fhiachan oirbh so chreidsinn, a phobull Dè ; oir ni
e còmhnadh ribh gu bhur cridhihh fànn a neart-
achadh anns an stòirm so a th' agaibh ri dhol
troimhe.
A chàirdean, tha f hios agam nach 'eil e aon chuid
eoart ; no dligheach do mhinisteir no do Chriosduidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence