Skip to main content

‹‹‹ prev (22) Page 20Page 20

(24) next ››› Page 22Page 22

(23) Page 21 -
21
ne. Tha mise toirt rahhadh firinneach dhuibh, ma
theid sibh a dhith, bithidh 'ur fuil, gu cinnteachj air
'ur cinn fèin. Nithear sibh 'n 'ur n-Aceldama, 'n
'ur fearann fola : Agus an sin bithidh dà stoirm
oirbh còmhlath.
1. Corruich Dhè clium 'ur gearradh as.
2. Coguis air dusgadh an leth stigh dhuibh, agus
claidheamh fuilteach chum 'ur beatha thoirt air
falbh ; tha mi creidsinn, gu'm bì iad sin cruaidh ri
'm f ulang. O a luchd-aidmheil chùlsleamhnaich na
h-Alba, thugaibh an aire cionnus a chumas sibh 'ur
gràsan ann an cleachdadh. Feuchaibh nach bì sibh
dh'easbhuidh giàis Dè anns an là bhrònach so, agus
cuimhnichibh nach dean stoc do ghràs an gnothach
dhuibh ; tha mi creidsinn, nach mòr agaibh aig am
bheil sin fèin. Uime sin, thugaibh an aire ciod a ta
sibh a' deanamh ; oir is mòr an tòmhas feirge a tha
'n a luidhe air Albainn an diugh. Tha spiorad an
iompachaidh air a chumail air ais, tha searmonachadh
an t-soisgeil gun toradh, agus cha'n 'eil buaidh le
focal an Tighearna : Tha so 'n a chòmharradh gu
bheil dian chorruich 'n a luidhe air Albainn, agus
air an fhearann so uile an diugh. Tha mise 'g innse
dhuibh, nach uilear dhuibh an aire a thoirt do 'ur
gnìomharan 'n a leithid a dh'uair bhuaraidh, 'nuair
a ta co lii'jgha luchd-aidmheil a' dol leis an stòirm ;
oir cha'n 'eil ni sam bith ach còmhnadh neo-
mheadhonach Dhè bho nèamh a chumas suas sibh
ann an osag stòirmeil. Feudaidh Criosduidh a
bha na Chriosduidh seasmhach bho chionn dà
fhichead biiadhna, a bhi air a chur air a dhrùim,
agus Criosd aicheadh ann an aon uair do dheuch-
ainn theinntich ; agus feudaidh so a thoirt oirnn
uile criothnachadh, agus a bhi air ar n-irioslachadh
an làthair an Tighearna. Gu'n tiorc Dia sibh bho
bhreathanas uamhasach obann_, a tha gle Jìonmhor
ann ar latha an Albainn. Ach tha naigheachd
agam ri innse do na creidmhich bhochd bhrist-
chridheach, a tha rànachadh 'n a ainni agus 'n a
neartsan seasamh ris an stòirm^ tha Chriosd cocean-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence