Skip to main content

‹‹‹ prev (14) [Page 12[Page 12

(16) next ››› Page 14Page 14

(15) Page 13 -
13
A chairdean, tha naigheachd agam ri innse dhuibh.
cha 'n uilear do niòran agaibh a bhi deanamh 'ur
tiomnaidh, cha'n fhada 'n ùine bhios cuid agaibh
beò 's an t-saoghal. Bithidh sìth ri Dia 'n a dheadh
thiomnadh ann an ùine ghoirid : — oir bithidh
Albainn, gu h-aithghearr, air a bàthadh ann am
fuil ; agus anns an là eagalach sin do chorruich
uamhasach a tha teachd air na tìribh strìopachail,
cùl-sleamhnuich so, air son an cealgaireachd agus am
bristeadh cùmhnaint ri Dia, bithidh fianuis deadh
choguis na deadh chùirm 'nuair a bhios claidheamh
fuilteach ri bhur 'n uchd ; an sin nì sìth ri Dia
còmhnadh ri deadh thiomnadh a dheanamh anns an
làsin; lèughaibh. Eabh. xii. 14. " Leanaibh sìth
maille ris na h-uile dhaoinibh_, agus naomhachd, ni
as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearn."
Ciod an seòrsa naomhachd a tha an so, a chàirdean ?
lnnseam dhuibh ciod i, cha 'n e an tomhas do
naomhachd a bh' aig Abraham, aig Maois, no aig
Daibhidh, no aig neach air bith do na daoinibh
urramach sin, cha'n e; gabhaidh Dia ni's lugha
bho bhur làimh-sa, a mhuinntir bhochd ; 's e togradh
gu naomhachd, an ni ris an gabh Dia uaibh-sa.
Cha'n e an stoc do ghràs a fhuair sibh an nì 'ur
gnothach, ach an ni ris am bheil 'ur dùil, agus air
son am bheil fadachd oirbh ; feudaidh sibh a bhi dh'
easbhuidh mòrain nithe, ach cha'n fheud sibh a bhi
dh' easbhuidh naomhachd. A chàirdean, feudaidh
sibh a bhi dàll, bacach, balbh, bochd, agus suarrach
anns an t-saoghal, agus a bhi dh' easbhuidh iomadh
ni, agus gidheadh a dhol do nèamh ; ach ma bhios
sibh a dh' easbhuidh naomhachd cha te'id sibh gu
bràth an sin ; uime sin, guidheam oirbh, thugaibh
an ro aire do na nithibh sin 'na leithid so a là.
A chairdean, thàinig mòran agaibh an so an diugh
à caochladh àitean: thàinig sibh uile an so, ag
aideachadh a bhi 'n 'ur luchd, aoraidh do'n Dia
bheò, agus 'n 'ur creidmhich ; ach tha mise gu cùig
na sè do sheòrsachan muinntir a chur air leth naeh
'eil da rìreadh ach 'n am muinntir mhàrbh. <

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence