SPIORAD NA H-AOISE. 33
'n 'eil druidheachd 'na h-ìnnleachd. Do
phiuthar, àilleagan an fhuilt òir 's na cìre
airgid, gheibh thu leat dhachaidh ; ach do
bhràithrean, ged tha iad beò, rinn leisg is mi-
dhìlseachd iad 'nan allabanaich gun dachaidh
gun charaid. Imich thusa chum tighe t'
athar, a Chaomhain, agus taisg ann d'
chridhe na chunnaic 's na chuala."
" Agus cò thusa," arsa Caomhan, " tha
labhairt ì "
" 'S mise," arsa 'n seann duine, " Spiorad
na h-aoise. Slàn leat, a Chaomhain ! Beann-
achd na h-aoise gu robh air do shiubhal 's
air t' imeachd."