SPIORAD NA H-AOISE. 25
esan a shnàmhas an sruth no thumas fo 'n
fhairge freasdal duit, cuimhnich ormsa, 's
bidh mi ri d' thaobh."
Fhuair e na tri mairt mhaola odhar san
lagan san d' fhàg e iad — dh' èirich iad, agus
mu àirde 'n fheasgair sin fèin ràinig iadsan
agus esan, gu sàbhailte socair, bothan an
t-slèibh.
Bha fàilte 's furan san tigh 'nuair ràinig
Caomhan. Fhuair e gabhail aige gun airceas
gun chrlne. Dh' fheòruich an seann-duine
dheth cia mar dh' èirich dha o'n dh' fhalbh
e, agus thòisich e air sud innseadh. Mhol
an seann-duin' e chionn nach do ghabh e
gnothuch ri aon ni chunnaic e gus an d'
ràinig e tigh nan laoidhean binne, do bhrìgh
nach robh annta gu lèir ach culaidh-bhuair-
idh — sgleò faoin chum a mhealladh.
" Fosglaidh mi dhuit dubh-cheist na cùise
'na dhèigh so," ars' an seann-duine ; " agus
leigidh mi ris duit brigh gach seallaidh a
chuir mòr-iongantas ort. Bha thu dìleas, a
Chaomhain. larr do dhuais agus gheibh
thu i."
" Cha bhi sin tròm dhuit-sa, tha mi 'n