SPIORAD NA H-AOISE. ii
chaomhnadh air bonn, no eang, no ruighe,
no fèith. Bheireadh esan air a' ghaoith
luath mhàirt a bha roimhe ; ach a' ghaoth
luath mhàirt a bha 'na dheadhaidh, cha
bheireadh i air. Mu dheireadh bhuail acras
e. Suidhear air cloich ghlais a dh' itheadh
a' bhonnaich mhòir, thigeadh fitheach dubh
an fhàsaich agus suidhear air sgor craige os
a chionn.
" Mir, mìr, a mhic Ghorla-nan-treud,"
ars' am fitheach.
" Mìr cha 'n f haigh thu," arsa mac Ghorla ;
" mìr no deur cha 'n f haigh thu uamsa,
'bheathaich ghràinde stur-shuiHch, star-
shuilich, lachduin ; tha e beag ni 's leòir
dhomh fèin."
'Nuair bha sud thar bearradh a chlèibh,
ghluais e rithist gu siubhal nan eang —
bheireadh esan air a' ghaoith luath mhàirt
a bha roimhe, ach a' ghaoth luath mhàirt
a bha 'na dheadhaidh cha bheireadh i air.
Chriothnaich a' mhòinteach mar a dhlùthaich
e oirre — thuit an drùchd o'n fhraoch bha-
danach ghorm, agus theich an coileach-ruadh
do 'n chàthar a b' àirde. Bha toiseach aie