32
dli' fhanas tu agams'," arsa 'n seann duine, "guceann
bliadhna, a bhuachailleachd mo thii mairt mliaola
odhar, gheibh thu do dhuais, a's cha bhi fàth tal-
aich." '' Cha b' e mo chomhairle dha," arsa nighean
an fhuilt òir 's na cìre airgid. '' Comhairle gu'n iarr-
aidh," arsa mac mùr Ghorla, "cha robh meas riamh
oirre. Gabhaidh mi do thairgse, a dliuine — ann an
camhanaich na maidne, 's mise do ghille." Roimh
langan an fhèidh sa' chreachann, bhleoghain gruag-
ach an fhuilt òir 's na cire airgid, na tri mairt
mhaola odhar. " Sin iad agad a nis," ars' an seann
duine ,- " gabh mu'n ciil — lean iad — na pill iad — na
bac iad — iarraidh iad an ionaltradh fein — ^'s leig
leò imeachd mar a's àiU — fan thus' as an deigh —
agus thigeadh aon ni thogras ann ad ratliad, na
dealaich thusa riutha — biodh do shùil orra agus
orrasan a mhàin ; agus a dh' aon ni g' am faic tliu
no g' an cluinn thu, na toir sùil air. So do dhleas-
danas — bi dileas — earb m' fhocal — bi saoithreacli,
's cha bhi do shaothair gun duais."
Dh' fhalbh e mu chùl na spreidhe, agus lean e
iad. Cha robh e ach goirid air falbh, 'nuair a
chunnaic e coileach òir agus cearc .airgid a' ruith
roimhe air a' bhlàr. Ghabh e air an tòir ; ach ged
bha iad a nis agus a rithist, air leis, 'na ghlaic, dh'
fhairthcli air gramachadh orra. Phill e air 'ais
o'n t-siubhal fhaoin, agus ràinig e 'n t-àite 's an robh
na tri mairt mhaola odhar aig ionaltradh, agus
thòisich e rithist air am buachailleachd ; ach clia b'
fhada bha e air an càl, 'nuair chunnaic e slatag òir
agus slatag airgid a' cur nan car dhiubh air an reiiean,
agus ghrad tliòisich e air an ruith. " Cha 'n flieud
e bhith," ars' esan, '' nach iad so a's usa ghlacail
na na h-eòin a mheall mi o chionn glioirid." Sinear
as'nan deigh ; ach ged bhiodh e 'gan ruith fhathasd,
cha bheùeadh e orra. Thug e 'bhuachailleaclid
air ; agus mar bha e leantuinn nam mart maola
odhar, chunnaic e doirc coille air an robh na h-uile