16
*S an Eiphit, 's an Spàinnd, 's thar gach mara
'S an tlnaing, 'sann an Canada fuar ;
*S gu tric sinn 's na h-Innsibh 'g ar garadh —
Far nach feumainn 'bhi 'fadadh a' ghuail :
B'i 'n Eeiseamaid bhuadhar 'sgach cath i,
Mu'n deacfi i fo Chailean gu buaidh,
*S b' e 'cheann-san a hath anns a' chogadh
'Bu tearnadh dhuinn toiseach an t-sluaigh.
O nach robh sinn, &c.
'S ann oiran nach tig dichuimhn' na faiche,
Far 'facas na feara fo 'n cruaidh ;
'S fo bhriathran 's fo bhrosnachadh Chailein,
Ar cridheachan laiste ri'r gruaidh : —
*' 'Nis'leanaibh-se 'Laochraidb nam beann mi,
A's thugaibh o'r naimhdibh a' bhuaidh,
»S na tilhbh-se 'meadhon a' bhruthaich,
Ach glacaibh na muhaich gu luath, "
O nach robh siun, &c.
Deadh Ghillean-an-Fhèihdh bu ghreadhnach,
Feadh chreag agus coilltich' 'dol suas,
Ar Pìobairean 's brataichean srannrach,
G'ar greasad, mar b' annsa, gu cruas —
'S ged mharbhadh a steud-each fo'r Ceannard,
Grad laiste bha 'lann-san roi' shluagh ;
'S le'r cruaidhe, le'r hiaidhe, 'sle'r lasair
Chaidh naimhdean mar chathadh o'n Tuath.
O nach robh sinn, &c.
Aìr leam gu'n robh leòmhann nan gleachd leinn-
An Gaisgeach o'n Eai-rachd mar bha,
Le 'cheathairne chliiìiteach a chleachd e,
'S an Reangaire 'n tarruing gun sgàth—
*S na seòid sin tha 'seòladh ri'n taice —
Na fiiirain bu mhaisiche bàrr,
Nach fiaradh o'n dùchas air faiche,
'S nach lùbar le gaise idh nam blàr.
O nach robh sinn, &c.
*S na'n tòiseachadh Alasdair Neacail
Ri 'spagluinn air faiche no shabh,