11
calrdeas ri drocb dhuinc. Is truagli an
duine aig nach 'eil ceannsal air a spiorad ; ach
esan aig am bheil deadh bheusan, thig e gu h-
urram. Is amadan esan a dh"* earbas à chridhe
fein. Ni gach neach tha sanntach deifir gu
bhi saoibhir, ach tha esan a mhàin ghc a ghluais-
eas an eagal an Tighearna. Bheir am fìrean
aire do chùis nam bochd.
30. Dùisgidh duine feargach suas aimhreit.
Tha uile fhocal De fior-ghlan ; is sgiath e
dhoibhsan a chuireas an dòigh ann. Cealg
agus breugan cuir fada uait, agus trèig iadsan
air nach 'eil eagal De. Spionaidh fithich a
ghUnne a mach an t-sùil a ni magadh air athair,
agus tarcuis air màthair. Bheir eagal duine
ribe lcis ; ach esan a chuireas a mhuinghin an
Dia, gluaisidh e ann an sìth. Cha bhi tlachd
aig leanabh maith do shlighe nan aingidh, agus
cha ghkiais e maille riu do bhrìgh gu bheil
corruich air Dia riu. — K. T.d. 9.0.
31. Is fearr dol do thigh a' bhròin na do thigh
na cuirme, oir is e sin crioch nan uile dhaoine,
agus gabhaidh am beò g'a chridhe e. Gabh
comhairle, agus gluais gu subhailceach agus
beusach. Is fearr deadh ainm na mòran beart-
ais. Is còir do gach neach urnuigh a dheanamh
moch agus anmoch. Earb thu fèin ri Dia,
agus cha leig e dìth ort ; tha a fhreasdal caird-
eil a ghnàth 'ga do chumail suas, agus tha a
shùilean an còmhnuidh ag amharc ort ; uime