26 AN COMH-THREÒRAICHE.
Tha goirteas 'nam l)hroilleach. Bha e anii
bho thoiseach aii latha. Dh' fhas e na's
miosa bho na thòisich sinn ar turus. Sìn thu
fèin tacan air an t-sèiseach gus an tig mise
air m' ais.
Tha lain Mac-an-tòisich aig toiseach na
luinge. Cxlac misneach agus rach 'na chòir.
Cha- tèid ; tha an soitheach fada l)ho thìr,
agus tha an fhairge gu math molach. Is lèir
dhomh nach traisiijeach thusa air chor 'sam l)ith.
Is e an ceann gòrach a ni na casan luaineach.
Is fèarr a bhi cinnteach na bhi caillteach.
Cha robh sgeulach nach rol)h lìreugach.
Na reic 's na ceannaich a' chòir.
Is trom an t-uallach an aois.
Cha robh breugach nach robh bradach.
Cha chòir do 'n chiontach a bhi reachdach.
Is math am modh a bhi sàmhach.
Is aobhach duine an taice ri chuid.
Treubhach am muigh agus meadhrach a stigh.
Cha robh molach nach rol)h sona.
Galjh an latha math 'na thoiseach.
Euchdach am muigh agus brèineach a stigh.
Chan eil deathach an tigh na h-uiseig.
Cha dean cridhe misgeach breug.