DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 45
seachadh gràdh Dhè, an t-Athair ! Am bheil
thus' ag iarraidh fios 'f haotuinn ciod a tha ann
an cridhe caomh an Athar dhuit ? Cha do
chaomhainn è a Mhac fèin. Am b'urrainn thu
dearbhadh na's mò na sin ìarraidh air iochd
an Athar ? Cò dhà bu dàna smuaineachadh air
an dearbhadh so, gus an tug Dia fèin è ? Am
bheil thus' ag ìarraidh fios 'fhaotuinn air an
iochd agus air a' ghràdh a bha 's a tha dhuit ann
an cridhe blàth Chriosd ? Freagradh gach focal
'n a eachdraidh a' cheist. Nach do dhealraich
gràdh 'n a shùil ; nach do labhair gràdh ann am
fuaim a ghuth, agus nach do nochd gràdh e-fein
anns gach focal a thàinig às a bhèul, agus nach
robh gach obair a rinn è air a lìonadh le gràdh,
f had 's a bha è 'saothrachadh gu foighidneach,
gun sgìos air thalamh ? An do thilg è riamh aon
neach air falbh uaith ? An dubhairt è riamh ri
neach air-bith tha thu ro ghràineil gu bhi air do
ghabhail leam-sa ? An Tì a shuidh aig biadh ann
an tigh Lèbhi, an cìs-mhor, an urrainn teagamh a
bhi agad nach gabh è riut-sa ? An Tì a labhair
cho caoimhneil ris a' mhnaoi aig tobar lacoib,
agus ise ag èisdeachd ris, 'us esan a' labhairt mu'n
Athair, agus ag ìnnseadh dhì gu'm bheil an
t-Athair ag iarraidh pheacach bochd, ciontach,
mar bha i-fèin, gu bhi 'n an luchd-aoraidh dhà,
agus ag ràdh rithe mar f hreagairt d'a feòrachadh
mu thimchioll a' Mhesiah, " Is mise e a tha
'labhairt riut," — an urrainn teagamh a bhi agad
ann an gràdh an Ti sin do pheacaich ? An saoil
thus' an robh fèum aig a' mhnaoi ud air tuilleadh
dearbhaidh air a ghràdh an dèigh dhà labhairt
rithe, agas an dèigh dhì-se fìos 'f haotuinn cò an