DEARBH-BHEACIID AIR SLAINT. 29
lagh sam-bith a b'urrainn an Dia naomh a thabh-
airt, peacaich mhi-naomh agns thruaillidh a
dhìteadh, agus do bhrìgh gur peacaich mhi-naomh
agus thruaillidh sinn uile, is diomhain dhuinn
dòchas air-bith a bhi againn ri beatha tre'n lagh.
" Ach dh'fhàg an sgriobtuir na h-uile dhaoine
diìinte 's a' pheacadh, chum gu'm biodh an gealladh
tre chreidimh losa Criosd air a thoirt dhoibh-san
a ta 'creidsinn." Gal. 3. 22. Na'n robh sinn
saor pheacadh cha bhitheadh fèum idir againn
air Slanuighear. Ma dh-ìarras sinn beatha le
oibreachadh air a son, tha sinn le sin ag ràdh
nach robh fèum air bàs Chriosd. " Oir ma tha
fireantachd tre'n lagh, is ann gun aobhar a
fhuair Criosd bàs." Gal. 2. 21. Ach is è dìt-
eadh, mallachd agus am bàs na's urrainn aii lagh
a churòirnn. Ach gheibh sinn fireantachd, agus
beannachd, agus beatha ann an Criosd, agus
trid-san a bhàsaich air ar son agus a dh'èirich
arìst. " Is è tuarasdal a' pheacaidh am bàs" —
agus is è pheacadh amhàin an obair a rinn sinne —
agus is è am bàs amhàin an tuarasdal a choisinn
sinn. Ach gu-ma beannaichte gu'n robh Dia, tha'n
tuarasdal sin air a làn phàidheadh do aon eile —
do'n Aon bheannaichte sin a thug a ghràdh air
ar son ; agus anis " is è saor-thiodhlac Dliè a
bheatha mhaireannach, tre losa Criosd ar Tigh-
earn." Ròm. 6. 23. Is ànn mar mhuinntir a
f huair an t-saor-thiodhlac so, agus aig am bheil
o sin fios cho cìnnteach 's a tha an suidheachadh,
agus aithne air an t-saor ghràs shaoibhir a chuir
sinn ann an suidheachadh cho gràsmhor, a tha
sinn air ar comhairleachadh ann an Litrichibh
nan Abstol, a ' chum gluasad gu cubhaidh do'n
c3