DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 25
bheachd a's cìnntiche na sin ? Cha n-iongantach
geda tha'n t-Abstol a labhairt air, ag ràdh le làn
aoibhneas às a leth fèin, agus às leth a bhràithrean,
ann an àit eile, " Dha-san a ghràdhaich sinn,
agus a dh'ionnlaid sinn o ar peacaidhibh 'n a
fhuil fèin, agus a rinn rìghrean dhìnn agus
sagartan do Dhia agus d'a Athair-san ; dha-san
gu robh giòir agus cumhachd gu saoghal nan
saoghal." Taish. 1. 5, 6. Nach furasda nis fo
dhearbh-bheachd cho soiUeir, làn, cìnnteach sin,
an nì sin a gheibhear ann an àit eile de leabhar
an Taisbeanaidh a thuigsinn, far am bheil losa
ag ìnnseadh a theachd aithghearr fèin, agus an
t-Abstol às leth na h-Eaglais uile, 'g a f hàilteach-
adh agus a' freagairt, " Amen, seadh, thig a Thigh-
earna losa." Taìsh. 22. 19, 20. Cò 'dh'ìarradh
mar sin ' teachd aithghearr', no pilleadh an Tigh-
earna losa, gun aithne chìnnteach aig' air, mar a
Shlànuighear air an àm. Agus cò anis a
smuainicheas gu cùramach, ceart air gach dearbh-
adh a thugadh an so bho'n fhìrinn, nach f haod
'fhaicinn gu soilleir gu'm bheil an Sgriobtuir a'
teagasg, gun teagamh air-bith, gur i còir dhligh-
each gach uile Chriosduidh làn f hios, no dearbh-
bheachd a bhi aige air a shlàint fèin ?
11. — Tha gach earail, a gheibhear ann an
Litrichibh nan Abstol, ag aideachadh na muinntir
ris am beil ìad a' labhairt mar Chriosduidhean,
agus mar shluagh aig ambheil fios gurChriosduidh-
ean iad-fein. Tha gach togradh a chum caithe-
beatha diadhaidh a leantuinn, air a stèidheachadh
air an fhios so. An iongantach, matà, geda
bhitheadh giùlain Chriosduidhean gu tric suarach,
fhad 's a gheibhear àireamh cho