DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 21
ameasg dhaoine. Ach cha b'urrainn an t-Abstol
so labhairt, no sgrìobhadh mar tha è 'deanamh
mur bitheadh dearbh-bheachd làn-chìnnteach aige
air a shlàint fèin tre'n ^on bheannaichte so.
Agus o-na bha a' chuid a's mò, eadhon Criosd, aig
Eòin, an deisciobul ionmhuinn, is èigin gu'n robh
a' chuid a's lugha — dearbh-bheachd air a shlàint
fèin — aige : agus mar sin, is dearbhadh dùbijiailt an
f hianuis, a tha Eòin a' tabhairt, gu'n robh dearbh-
bheachd aige anns an tomhas a's àirde. Ach cluinn-
eamaid a bhriathran fèin, ag ràdh, " An ni a bha
ann o thùs, an ni a chuala sinne, a chunnaic sinn le
ar sùilibh, air an d'amhairc sinn, agus a làimhsichar
làmhathaobh focail na beatha; (oir dh'fhoillsich-
eadha'bheatha,agus chunnaicsinne i,agus tha sinn
a' deanamh fianuis, agus a' cur an cèill dhuibh-se na
beatha maireannaich ud a bha maille ris an Athair,
agus a dh'f hoillsicheadh dhuinne.)" 1 Eòin 1. 1, 2.
" Ah is fìor sin," faodaidh neach 'us neach aràdh,
^' is maith a chreideas mì gu'm buineadh do'"n
' deisciobul a bha 'n aluidhe 'an uchd losa,' agus
do gach aon de na h-Abstoil eile labhairt air an
dòigh sin, agus faodar a thuigsinn ciamar a ruig-
eas Criosduidhean mòra, comharraichte eile, air
an là an diugh, air dearbh-bheachd cosmhuil ri
dearbh-bheachd nan Abstol. Ach am faodar a
ràdh gu'm faod gach uile Chriosduidh an dearbh-
bheachd cìnnteach sin 'fhaotuinn?" Freagradh
an t-Abstol fèin a' cheist so. " An ni a chunnaic
agus a chuala sinn, tha sinn a' cur an cèill duibh-
se, chum gu'm bi agaibh-sa mar an ceudna
comunn ruinne. 1 Eòin 1. 3. Agus an dèigh
sin, a chum a theagasg dhoibh ciod è sin a rinn
comunn, no com^àirteachadh maille ris na