10 DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
bhi air a chumail ann an sìth, eadhon ann an
staid mar sin, no ann an staid na's cruaidhe.
Ach is ànn le eòlas air a Shlànuighear agus air
a Dhia a gheibheadh è an t-sìth neartachaidh sin.
Ach ciod is fhìach na nithe sin ann an coimeas
ris a' cheist mhòir so mu'm bheil thusa fathast
neo-chìnnteach ? Ma sheallas tu suas ri Dia,
agus thu gun f hios agad an è d'Athair è ann an
Criosd : — ma sheallas tu suas gu nèamh, agus thu
gun f hios agad am bheil oighreachd dhuit an sin ;
— ma sheallas tu sìos gu ifrinn, fiosrach gu'n robh
thu toilltinneach oirre agus buailteach dhì, agus
thu gun f hios agad am bheil thu air do shaoradh
o'n f heirg ri teachd ! Agus ma smuainicheas tu
cho neo-chìnnteach 's a tha do bheatha ghoirid
air thalamh, agus air cho cìnnteach 's a tha là
teachd Chriosd ann an cumhachd agus ann an
glòir, nach fhada gus an tig è co aca 'bhitheas
tusa beò gu 'theachd 'f haicinn no nach bi ! Seadh
'nuair a smuainicheas tu air sin, agus thu gun
f hios agad na'n tigeadh Criosd an diugh an ann a
chum thus' a ghabhail d'a ionnsuidh fèin, no chum
peanas a dheanamh ort le sgrios shìorruidh 'g a
d'f huadach air falbh uaith-fèin, agus o ghlòir a
chumhachd ! Ma laidheas tu sìos air an oidhche,
agus thu gun fhios agad nach fosgail thu do
shùilean ann an sgrios na h-ifrinn ! cionnus is
urrainn fois a bhi agad, fhad 's a bhitheas na
ceistean sin air am fàgail gun socrachadh leat ?
Gi-u'n deònaicheadh Dia, ìad driiigheadh èifeachd-
ach a dheanamh air do choguis, chum nach gabh
thusa fois aon mhionaid tuilleadh gus am bi làn
fhios cìnnteach agad gu'n " deachaidh tu thairis