42 EACHDRAIDH lOSEIPH.
aontachadh leatha. 'Nuair a bha e aon là na
sheòmar, a' cur gnothaichean a mhaighstir an
òrdugh, thainig Sirena a steach, agus 'nuair
a dhruid i 'n dorus, labhair i mar so ris : " A
loseiph, co air bith a bhios nan tàmh, cha bhi
thus' ann. Tha gun ag ar maighstir sonadh do
leithidse do sheirbhiseach a bhi aige. Cha'n
ioghna leam idir gu 'bheil na h-uiread mheas
aige fein agus aig ar bana-mhaighstir ort."' " A
deiream riut, a Shirena, nach 'eil mi deanamh a
bheag ach mo dhleasdanas," arsa loseph. " Tha
aig mo mhaighstir urramach agus aig a cho-
sheise, còir air mo sheirbheis a's fearr ; agus
bhithinn fada goirid air mo dhleasdanas do Dhia,
dhoibhsan, agus dhomh fein, mar deauainn na
dh'fheudainn chum an urram, am buannachd,
agus an toil a chur air aghaidh." " Tha mi toil-
icht," a deir i, " gu bheil do bharail m'an chùis
sin cosmhuil ri m' bharail fein. Agus tha fìos
agamsa, a loseiph 'gu bheil am barrachd spèis
uaitse do d' bhana-mhaighstir dligheach, na
theagamh air a bheil thusa fìosrach." " 'S
aithne dhomh," thuirt e, " gu bheil mo bhana-
mhaighstir maiseach, agus deadh-bheusach, agus
gu bheil i toilltinn mo mheas a's àirde, ni a bhios
mi ullamh gu ìocadh dh' i leis an tlachd is mò."
" Tha i deadh-bheusach," a deir i, " ach leig
dhomh innse dhuit a loseiph, nach 'eil àrach aic'
air amharc ortsa le gaol agus carthannachd.
'Sann a dh' innis i dhomhs' e le èiginn mhòir ;
agus feudaidh tus' an cothrom a ghabhail air a
caoimhneas, ni nach deònaicheadh i do aon neach
'eil ach dhuitse ; cha deònaicheadh eadhon do'u
righ fein." Thuirt loseph, " Tha mo mhaighstir