EACHDRAIDII lOSEIPH. 39
cheangal a' gèilleadli. Dìreacli 'nuair a tliug
e 'n oidheirp ud 'sa bha e as an rioba, mhosgail
e, agus b'ait leis nach robh ann ach bruadar.
Bha Dia loseiph maille ris anns gach ni a rinn
e. Thug e dha gliocas sònraicht' agus crìonn-
achd ann an stiùradh a ghnothaichean, ionnas
gu'n do shoirbhich leis gach ni a rinn e, a thug
air a mhaighstir earbs' a ghliocas agus à 'onair
le làn mhuinghinn; agus dh' earb e ris 'oigh-
reachd gu h-iomlan a riaghladh. Saor o f harmad,
mheal e am mòr shoirbheachadh so gun dubh-
achas air bith, ach na dh' èirich o bhi air f ògradh
Tacob agus o Bheniamin. Bu shona do Sha-
brina, nam biodh a cridhe co saor o anamianna
mi-laghail .'s a bha cridhe loseiph. Ach mo
thruaighe! thug i caidreamh deòthasach da h-ann-
toil chlaon, gus an d'f hàs e tuille 's làidir air a
son. Thug nàir' oirre a togTadh mi gheimnidh
a chleth rè ùine mhòir, gidheadh, a dh' aindeoin
a dìchill bha e soilleir 'na gnùis. Bha a fear neo-
amharusach,. a' gnàthachadh gach ni a dh'f heud-
adh e chum a leigheas. Bha na lighichean a'
cur gach ubag agus eòlas a bha nan ealadhain
gu'n dùlan, chum feum a dheanamh dhi ; bha gach
culaidh-shùgraidh agus àbhachdais a dh' fhaoidt'
a dhealbh air an gnàthachadh, chum a gruaim
a thionndadh gu subhachas. Cha ghabhadh i
toilinntinn ann an cleasachd air bith mar biodh
loseph m'a thimchioll. B'e'n t-aon àm toil-
inntinn a bh' aice 'nuair a gheibheadh i esan a
shuidhe leatha, agus eachdraidh a thoirt di iG.'an
tìr o'n d'thàinig e ; ni leis an d'aontaich esan gu
neo-smuaireanach.
M'an àm so thachair cùis a mheudaich gu