EACHDRAIDH lOSEIPH. 35
mi fèin sona gu'n robh cothrora agam air an
neach a's maisiche chimnaic mi riamh a shaor-
adh, Ciod e luach anfhleasgaich so, a charaid ?
" Ma reicear e," a deir Albhah, " 's e cend gu
leth bonn airgid is luach dha ; ach cha reic mi è
mur bi fìos agam co ris, agus ciod an càramh a
gheibh e. Oir is deòin, agus cha'n èiginn, a tha
'ga chumail, 'san Eiphit." " 'Se m' ainmse, Poti-
phar, ars e, "tha mi ann an càil-eiginn de mheas
'san rioghachd, agus gu tric dlù air pearsa an
righ." " Mata a dhuin' uasail, 's leat an t-ògan-
ach air an luach is àill leat ; agus tha dòchas
agam gu'm meas thu e mar neach a b'airidh aìr
gnàthachadh a b'fhearr, a dh'èirich o ghamhlas,
agiis f harmad a bhràithribh. Tha e 'm chomas a
mholadh dhuit mar neach ionraic, deadh-bheusach
dileas agus diadhaidh. " 'S leams e. A bheil
thu deònach dol leam ?" Tha mise toileach a hhi
'm òglach iriosal dileas duit, mas deòin leatfein e.
' So dhuiise a cheannaiche do chuid airgid. " Aon
ni a b'àiU leam a ràdh m'an dùin sinn an co'-
cheangal, agus 's e sin, leis mar tha mi ri malairt
do'n àite so, gu'n asluichinn ort gu'm faicinn air
uairibh mo charaid loeeph, oir 'se mo charaid e,
ged a tha comas agam a reic san àm." G-u ma
fada Photiphar an t-òganach is caomh leis a
chumail air ais o chàirdibh. 'Se do bheatha
gach àm do charaid òg agus àillidh fhaicinn."
Chaidh loseph a shocrachadh ann an teaghlach
Photiphar, an dèigh do Albhah a cho'èigneach-
adh chum an ceud gu leth bonn airgid, arson an
do reiceadh e, a ghabhail ; agus gabh e cead
teò-chridheach dheth rè seaL Cha robh e fada