b EACHDRAIDH lOSEIPH.
raichte air a bhi riaghladh ?" Fhreagair Reubeii
a bhràthair Simeon air a mhodh so ; " Cha 'n
*eil barrachd spèis ar n-athar do loseph idir r'a
raholadh, oir ma mheasar gu'n còmhnuich bràith-
rean ann an sìth maille r'a chèile, 's èiginn doibh
a bhi co'ionann ; ma ni athair leth-bhreith air
aon seach a chèile, togaidh e mòran aimhreite.
G-idheadh 's còir dhuinn ceartas a dheanamh
ris 8b ghile ; tha e ro àillidh na phearsa ; feud-
aidh sibh maise a mhathar fhaicinn air, maille
ri foghainteachd ar n-athar ; tha a ghnè co
suairce, co taitneach agus co ghaol-thàirngeach ;
na deanamaid, matà, gearan neo-stèigheil air ar
n-athair, ged a bheir e am barrachd gràidh d'ar
bràthair. Chuireadh ar n-athair air thoiseach
air bràthair bu shine, uime sin tha'an gealladh
a'teachd oirnne ; na dìteamaid, mata, an t-ogan-
ach gus am faic sinn ciod a's deònach le Dia a
dheanamh ris.
Air an dòigh so cho'riasanaich mic lacoib
r'a chèile, am feadh a bha Belphegor, aingeal
malluichte, aig an robh fuath gaBahlasach agus
mì-run gun tomhas do'n chinne-daoine, agus
gu sònruichte do chloinn a gheallaidh, air piìltinn
thurus gràineil dlù air lerusalem, air teachd am
fagus ag itealaich san adhar os an ceann, chum
gu'n tuigeadh e ciod m'an robh iad a co'chainnt,
chum dochair a dheanamh dhoibh. Chunnaic
e 'm buaireas san robh Simeon, agus chuir e
roimhe gu'm meudaicheadh e a mhiosguinn.
'Se 'n ni a bha'n aire an droch spioraid, Simeon
a bhrosnuchadh gu loseph a chur gu bàs mar
rinn e air cloinn Shechem roimhe so; ni nam
faigheadh e a thoirt air a deanamh, a fhreagradh