sonruicbte agam riut. Is e dleasdanas gach
neach earbsadh à freasdal an Tighearna. Bheir
leughadh nan sgrioptuirean eòlas agus toil-inn-
tinn seachad. Thug iad èisdeachd do na
nithibh a labhair e riu. Bithidh an duine
diadhaidh agus ghc a ghnàth a' gluasad ann an
eagal an Tighearna.
8. Cha mhol mi thu, oir cha'n 'eil thu airidh
air moladh. Bha toil aig a chairdean a chuimh-
neachadh. Cuimhnich do Chruithear ann an
làithibh t'òige. Tha inntinn an duine an còmh-
nuidh ag iarraidh an dèigh sonais. 'Se na •
sgrioptuirean an t-aon riaghailt creidimh agus
umhlachd. Dh'orduich Dia an seann tiom-
nadh agus an tiomnadh nuadh gu bhi 'nan
riaghailt-stiùraidh dhuinn san t-saoghal so.
'Se ar Cruithear ùghdar gach ni tha maith agus
ionmholta. Tha briathra fallain am beul an
duine thuigsich. Chaidh am Biobul a dheach-
dadh le spiorad an Uile-chumhachdaich.
9. Tha Dia neò-fhaicsinneach 'na bhith,
agus uile-ghUc, agus uile-leirsinneach. Is mòr
an dealachadh a ta eadar an duine nadurra,
agus an duine iompaichte. Thig crioch air
gach ni a ta fo'n ghrèin, agus aig deireadh
an t-saoghail leaghar na dùiie le dian-theas.
Tha Dia glòrmhor 'na uile bhuaidhibh. Cha"'n
ionnan nàdur do'n dà dhuine. Rinn Dia an
duine air an t-seathamh là, agus air an t-seachd-
amh là ghabh e fois o uiP oibribh a rinn e. —
/)]ùth-leanaidh doruinn agus truaighe air lorg